
Rugadh is thogadh Mà iri Nic a' Ghobhainn ann an Dail bho Thuath, Leòdhas, ann an dachaigh far an robh seinn na rud cho nà darrach ri tarraing anail. Bha seinn air an dà thaobh. Bhuineadh a h-athair do Nis ach 's ann à Ùig a thà inig cuideachd a mà thar nuair a chaidh daoine fhuadach às an sgìre sin.
Tha cuimhne aig Mà iri a bhith seinn òrain Ghà idhlig fada mus deach i dhan sgoil ach, nuair a chaidh i do Bhun-sgoil Chrois, b' e òrain Bheurla a bhathas a' teagasg ged a bha còisir sgoile ann.
À Cros chaidh i an toiseach do Sgoil Lìonail agus as a' sin do Sgoil MhicNeacail ann an Steòrnabhagh, gu saoghal annasach na Beurla. Chòrd seo rithe.
Lean a h-ùidh as na h-òrain, gu h-à raidh as a' hostail far an robh còmhlan skiffle aca (là ithean Lonnie Donnegan a bha seo!) ach chionns nach robh còisir Gà idhlig anns a' sgoil aig an à m, cha robh cus cothrom ann òrain ùra ionnsachadh.
Nuair a dh'fhà g i an sgoil chaidh i a dh'obair airson bliadhna, an toiseach ann a' Woolworths, ann am Partaig an Glaschu, agus an uair sin fad samhradh an Taigh an Droma.
Chaidh i an uair sin gu Sgoil Ealain Ghlaschu agus nuair a cheumnaich i à sin thug i grunn mhìosan ann an Nirribhidh, a' peantadh agus a' siubhal.
Ann an Colaiste Chnoc Iòrdain thug i mach dreuchd neach-teagasg ealain is thog i oirre a dh'Uibhist far an robh i fad deich bliadhna. Chòrd Uibhist gu mòr rithe, agus 's ann an Uibhist a chaidh a clà radh an toiseach le Seonaidh Ailig Mac a' Phearsain dhan a' BhBC.
Ann an Uibhist thachair Mà iri air seinneadairean leithid Ceit Phà draig agus Peinidh Mhòr, Iain Pheadair agus Tormod Ruadh agus is iomadh òran a dh'ionnsaich i bhuaipe.
Bha Mà iri cuideachd am measg na feadhainn a chuir air dòigh a' chiad Mòd ionadail an Uibhist ann an 1971, Mòd a bha a' tà ladh sheinneadairean leithid Flòraidh NicNèill agus Seonag NicChoinnich nam britheamhan.
Thill Mà iri dhachaigh a Leòdhas nuair a dh'fhas a mà thair bochd, agus an 1984 chaidh i a theagasg a dh'Astrà ilia airson bliadhna. Fhad 's a bha i ann, chaidh i air là ithean-saora gu New Zealand far na thachair i ris an fhear a bha os cionn còmhlan pìobairean Wellington. Seach gu robh esan ag iarraidh fuinn ùra dhan chòmhlan, chaidh Mà iri dhan stiùidio agus chlà r i 30 òran is port dhaibh ann an dà uair a thìde.
Bhon uair sin tha i air iomadh òran a chlà radh an iomadh ceà rnaidh dhen t-saoghal. Tha cà irdeas sònraichte aice ri Èirinn agus tha e fìor a rà dh gu bheil na h-Èireannaich a' cur meas mòr air Mà iri agus air a h-òrain.
Bho chionn ghoirid dh'fhoillsich i leabhar, Sheòl Mi 'n Uiridh (°ä±ôà °ù, 2009), cruinneachadh de dh'òrain a rinn seòldairean.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.