Òran air a sgrìobhadh le: Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: Catriona Anna Nic A' Phì.
This is a song written by: Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) and sung by: Catriona Anna Nic A' Phì.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,
Dhen darach là idir shùbailte;
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre.
Siud far an robh 'n sgioba neònach
Ghabh an t-aiseag aig an t-Sròma,
A shealltainn air mnaoi-uasail chòir,
Bha còir aice thaobh dùthchais air.
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,
Bha Teà rlach Friseal Mac an Tòisich,
'S Mà iri nighean Iain Bhà n nan òran,
Coinneach Beag is Eachann Ã’g,
'S an t-òigear 'Clach na Cùdainn' innte.
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,
Thuirt a' 'Chlach' rium fhìn cho stà irneil,
"Fuirich thusa muigh, a Mhà iri,
Gun tig Calum air do thà illibh -
Bheir thu à ite triùir a-mach.
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,
"Ged tha m' athair-sa ri à bhachd,
Chan eil cùram air mu Mhà iri,
Bheir iad sinn gu caladh sà bhailt,
Thar nan tonnan dùbh-ghorm."
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,
Nuair a rà inig sinn an fhà rdach,
Cha robh Fearchar còir an là thair;
Dh'fhà g e dìleab aig a chà irdean
Bhios gu brà th na chliù aca.
Nuair chaidh na ceithir ùr oirre,

Rugadh Cathaidh Ann ann am Barraigh ann an 1959, a' fuireach dlùth do sheinneadairean mar Nan NicFhionghain, Mà iri agus Chrissie Denny, agus Mairead "Orbish". Bha a seanmhair, ...
Fiosrachadh air Catriona Anna Nic A' Phì / Learn more about Catriona Anna Nic A' PhìCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.