
Chan eil fios cinnteach cuin no cà ite an d' rugadh Mà iri ach b' ann san Eilean Sgitheanach mun bhliadhna 1821, agus b' ann san eilean sin a chur i seachad là ithean a h-òige.
Phòs i greusaiche, Ìsaac Mac a' Phearsain, san t-Samhain 1847 agus bha co-dhiù sianar chloinne aca. Chaochail Ìsaac ann an 1871 agus thà inig air Mà iri a dhol a dh'obair mar shearbhanta.
Ann an 1872, chaidh cur às a leth gun do ghoid i aodach bhon tè aig an robh i ag obair fhad 's a bha seirbheis an tòrraidh aice a' dol air adhart. Chaidh a chùis a dhearbhadh na h-aghaidh agus fhuair i binn dà fhichead latha as a' phrìosan. B' ann an dèidh seo a thòisich i ri òrain a dhèanamh, oir mar a dh'innis i fhèin:
"S e na dh'fhuiling mi de thà mailt
A thug mo bhà rdachd beò."
Dh'fhà g i Inbhir Nis sa gheamhradh 1872 agus ann an Glaschu rinn i cùrsa banaltraim. Ann an 1876 chaidh i a Ghrianaig ach thill i dhan Eilean Sgitheanach ann an 1882. Bha ùidh mhòr aice ann an strì an fhearainn agus bha meas mòr aig daoine air na h-òrain aice.
Chaochail i ann am Port Rìgh air 7 Samhain, 1898, agus chaidh a tiodhlacadh an Cladh a' Chapail, ann an Inbhir Nis, ri taobh a cèile Ìsaac.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.