Òran air a sgrìobhadh le: Niall Moireasdan (Bà rd Phabaigh) agus air a sheinn le: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shà im).
This is a song written by: Niall Moireasdan (Bà rd Phabaigh) and sung by: Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shà im).
Bhon is fear foghlaim mi air a' cheà ird-sa
Luchd-britheimh Ghà idhlig na tugaibh beum
Air cainnt mhì-fhiughmhor neo-dhìreach lùbte
Nach gabh dhomh dlùthadh no cur na chèil:
Cha b' e cion dùrachd a thigeadh rium-sa
'N à m seinn a chliù-san mam biodh air èis
Ach inntinn nadmhorrach is easbhaidh grà is oirr'
Gun tèid i ceà rr ann an cluith nan teud.
'S mo bhilean grà ineil neo-thimcheall gheà irrte
Gu faic sibh dana dhomh bhi ri cainnt
Air cliù na fianuis a dh'fhalbh on fhìon-lios
Bu chliùteach gnìomhach am measg nan crann;
Bha eagal diadhaidh às dèidh a lìonadh
Gum biodh a chrìonachd nar measg neo-ghann
Bu tric e 'g ùrnaigh dol ann an cùmhnant
Airson ar caomhnadh aig cathair grà is.
An ceistear cliùiteach bu mhòr luchd-ionndrainn
A tha mi 'g iomradh air na mo dhà n;
Bu lìonmhor sùil bha gu silteach srùlach
An à m do dhùnadh sa chiste chlà r;
Bu lòchran iùil thu da dhoill gun sùilean
Bhiodh gun tùr air a' ghnìomh a b' fheà rr
A' ruith gu dìreach fon t-slighe mhilltich
A dìon nam mìltean o dhìol a bhà is.
'S o thog thu 'n aidmheil bu lòchran laist' thu
Nach cuireadh fras às la doinionn gheur;
Cho fad 's a dh'fhan thu cha 'n fhacas smal ort
Ach daonnan laist' ann an ruith na rèis:
A' dol tron fhà sach gun eagal nà mhaid
Ach spionnadh grà is ga do chumail treun,
'S tu ruith gu buaidheach gun easbhaidh luathais ort
Gun d' fhuair thu 'n duais a th' aig pobull Dhè.
Bu dìleas dùrachdach dha do ghairm thu
Cha b' ionnan 's foirmealaich nan ceann à rd
Nach b' urrain cainnt ach gu mabach manntach
Le raige teanga 's an ceann cho là n:
'G iarradh cus stòrais dhan inntinn fheòlmhor
'S i cìocrach, neo-ghlan, 's an taic a ghnà th
Air stèidheadh aotrom bhios dhaibh na fhaoineis
Aig là na caochlaidh nuair thig am bà s.
Is ann ort a b' fhuathach luchd fèin na h-uaille
Bha 'g iarradh suas gun dhol dhan a' chrò
Am measg nan caorach len eà rradh sgaoilte
'S gu fainicht an gaoid air gach taobh dhen chleòc;
Bu tric thu dearbhadh orr' ga bu shearbh leo e
Gum biodh tearbadh ann là a' mhòid;
Cuid gu oighreachd sam bitheadh an t-aoibhneas
Cuid eil' dhan ghoinntir sam bitheadh am bròn.
Bha thu ainmeil 's gach ceà rn an Alba
Mar ghaisgeach calma le d' chlaimheamh geur
Air taobh na còrach a' sgrios luchd dò-bheairt
Bu tric thu còmhrag ri luchd mì-bheus:
Bhiodh feachd na h-euceairt a' crith fo d' èisneachd,
An cogais fhèin 's i gam bioradh cruaidh
Bhiodh fallas drùidhteach a' sileadh dlùth dhiot
Le spà irn toirt cunntais dhaibh air an Uan.
Bha tlachd is ciatachd le aoidh na diadhachd
A' dearrsadh sgiamhach na d' aghaidh chiùin
'S bhiodh peacaich gharbha bu ghairge seanachas,
Le ùmhlachd leanabail a' tighinn dhut dlùth;
Gur tu bha eudmhor airson an treuda,
Bhiodh faire gheur agad air an cùl,
Bu tric thu 'g èigheach an cluas luchd èisteachd
A' chungaidh fheumail a dhèanadh cùis.
B' e beatha d' Ã raich a h-uile SÃ baid
Bhi 'g innseadh chà ch gun robh 'n t-slighe rèidh
Gu geat an à rois am faight' an t-slà inte
O n chraoibh tha fàs ann le meas nach trèig:
Fo dhuilleach à ghmhor gum faighte sà mhchar
O dhoinionn crà iteach 's o à mhghair gheur,
O ruaig an nà mhaid bh' airson an tà rsainn
Le innleachd bà smhor mar chreach dha fèin.
Don osna dhùsgadh on chridhe bhrùideil
Air bheagan cùraim bu bheag do spèis,
O chaidh ol-ungaidh chur air do shùilean
'S nach togta cliù leat air luchd mì-bheus:
On bha thu eòlach mun t-sionnach lùbach
A chuir a chùl riut fo d' armachd gheur
Bha 'n garaidh uaigneach ri d' linn san dùthaich,
'S on dh'fhalbh thu dhùisg e ri spùill da fèin.
Bha d' eagal diadhaidh toirt air na mìltean
Air feadh nan sgìre gun robh iad balbh,
Mar an pheùcag an gath na grèine
Le itean eugsamhail nan iomadh dealbh:
Oir bha thu ungte 's do fhradharc dùbailt
Ag gabhail dlùth bheachd air sligh' an ceum
'S ged thigeadh Iùdas le phòig a d' ionnsaidh
Gum b' shuarach thu air droch rùn a mhèinn.
Bu lìonmhor bacach bha deigh a bhacail
Le ainneart peacaidh do chùm gun trèigt',
A bha thu seòladh gu Loch Shilòaim
A chùm an còmhlachadh aig an Lèigh;
Leis an fhìrinn bu tric thu dearbhadh dhaibh
Mar grad fhalbh iad gun tèid iad eug,
Fo phlà igh na loibhre an là na feirge
'S nach beireadh tionchds' orr' a dhèanamh feum.
An à m dhut èirigh sa choinnimh urnaigh,
An sluagh a' dùmhlachadh ort mun cuairt,
Bu chridhe cruaidh agus inntinn bhrùideil
Nach dèanadh lùbadh le d' ghuth san uair:
Bu ghaisgeach treun thu gu innseadh sgeul dhaibh
Mu chliù na h-èifeachd bha 'm fuil an Uain
'S air damanadh sìorraidh nan gobhair fhiadhaich
Air sgeiribh giara dol sìos don chuan.
Thà inig dorchadas air a' cheà rn seo
Le mùchadh bà smhor on rinn thu triall
Do thìr Emà nueil am measg do bhrà ithrean
'S tu dèanamh gà irdeachas ann an Dia;
Chum ar teà rnadh o chumhachd nà mhaid
'S o phian na h-Ã mhainn tha loisgeach dian,
Bheir air na h-uamharraich gu loisgear suas iad
Mar an asbhuaine nur thig a' chrìoch.
Aig là do chrìochnachaidh fhuair thu t-iarrtas
Mar bu mhiann leat taobh thall a' bhà is,
Gach gealladh fhuair thu 'n taobh bhos dhan uaighe
Chaidh dhèanamh suas dhut gu daingeann slà n;
Gath a' bhais chaidh a dhèanamh ciùin dhut
'S an uaigh cha chùmar thu ann an sà s;
Gu n dèan thu dùsgadh le glaodh na trompaid
Ro 'n crith gach dùil a chaidh ann san là r.

Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Shomhairle Ruairidh Dhòmhnaill Eòghainn, neo Dòmhnall Shà im, mar as eòlaiche daoine air, ann am Mà nais ann am Bà igh na Hearadh, air ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shà im) / Learn more about Dòmhnall Dòmhnallach (Dòmhnall Shà im)Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.