
Rugadh Dòmhnall Dòmhnallach, Dòmhnall Shomhairle Ruairidh Dhòmhnaill Eòghainn, neo Dòmhnall Shà im, mar as eòlaiche daoine air, ann am Mà nais ann am Bà igh na Hearadh, air 10 Samhain, 1930. B' ann à Baile Raghnaill, Uibhist a Tuath, a thà inig na Dòmhnallaich a Mhà nais, a dh'obair air a' cheilp.
B' i Mà iri NicLeòid, Mà iri Dhòmhnaill Ruaidh Aonghais, a mhà thair agus 's ann à Leòdhas a bha a cuideachd air tighinn bho thùs. Bha a shinn-sinn-seanair, Ruairidh Bà n, air tighinn do na Hearadh na dhròbhair. Bha triùir anns an teaghlach. Chaochail Calum, a bha fuireach ann am Manchester airson iomadh bliadhna, ann an 2009, agus tha Sarah a' fuireach ann an Inbhir Moireasdan.
Chaidh Dòmhnall do Bhun-sgoil Mhà nais ach, nuair a bha e sia bliadhna gu leth a dh'aois, ghluais an teaghlach gu Horgabost, air a' Mhachaire, air 28 Cèitean, 1937. Ghluais mòran aig nach robh fearann bho na Bà igh aig an à m seo, gu talamh nas fheà rr air taobh an iar Na Hearadh. Chaidh Dòmhnall an uair sin gu Bun-sgoil Sgarastaidh.
Ged a bha Dòmhnall math anns an sgoil, samhail a' mhòr-chuid eile na shuidheachadh aig am à m seo, cha d' fhuair e cothrom a dhol air adhart le foghlam. An dèidh an sgoil fhà gail, bha e ag obair anns a' ghà rradh aig Loidse nam Buirgh airson bliadhna gu leth. Bha e fad trì no ceithir a bhliadhnaichean an dèidh sin ag obair aig Comunn Chroitearan na Hearadh, a' dèanamh pà train agus a' deilbh chlòitean.
Ann an 1950 chaidh e gu sgeamaichean a' Hydro ann an Canaich, an Inbhir Moireasdan agus an Inbhir Garadh. Anns na bliadhnaichean mus do phòs e, bha e airson còig sèasanan ann an sreath a chèile a' cìobaireachd ann an Eilean Phabaigh, ann an Caolas na Hearadh, aig à m breith nan uan.
Phòs Dòmhnall agus Mà iri Mhoireasdan, nighean Iain Sheonaidh, à Crà go, ann an 1963 agus tha triùir nighean aca. Tha Ciorstaidh Mà iri pòsta ann an Scalpaigh; tha Morag Anna pòsta ann am Barraigh agus tha Jo a' fuireach ann an Inbhir Nis.
An dèidh tilleadh bho sgeamaichean a' Hydro bha Dòmhnall airson dusan bliadhna ag obair aig Comhairle Inbhir Nis, a' dèiligeadh ris an drochaid-tomhais ann an cuaraidh Cheann an Òra. An dèidh sin, agus gus an do leig e dheth a dhreuchd, bha e an sàs ann an obair ceà irde anns an Òb.
Bha ùidh aige bho 's cuimhne leis ann an eachdraidh, dualchas agus òrain Na Hearadh agus chan eil duine cho fiosrach ris air na cuspairean sin anns an eilean an-diugh. Bha ceòl anns an teaghlach agus bha guth seinn math dha-rìribh aig a mhà thair.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.