Òran air a sgrìobhadh le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) agus air a sheinn le: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).
This is a song written by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean) and sung by: Aonghas Caimbeul (Am Puilean).
Thug mi sgrìob do Dhail Dimà irt
Thoirt mòin' à Asmaigearraidh nuas
Chuideachadh le sgiobadh Mhà iri,
Lìonadh là raidh, 's aig a' chruaich.
'S ann ri tionndadh aig an lùbadh
Dhearc mo shùil air cùis mo dhà in,
Dh'èirich m' fhalt is ghais mo ghlùinean,
Dh'fhalbh mo lùth, is chrith nam chnà mh.
'N t-uamhann a thug uam mo mhisneachd,
Famhair ann an ìslig bà is,
'S aig cho mòr 's a bha 'n ceann-crìche
Dh'fhà g iad sìnt' i air a' bhlà r.
Mu thigh Dhòdu ghabh mi brà ighe,
'S rà inig mi gun dà il am cheum;
Leig mi m' uirsgeulan ri MÃ iri,
'S rinn i gà ire ri mo sgeul.
"Amadain gun chonn gun stòladh,
Cha robh 'n còrr ri iarraidh ort,
'S gun an sin ach a' chruach mhòine
A rinn Tòmas dhan an Scot.
Tuaireapadh air là mhan luideach
Rinn an iorapais gun diù,
Cha do sheall iad tùr no tulchais
'S dh'fhà g iad luideach i co-dhiù.
'S ann le rùn gean-maith don caraid
Nach deach taisealadh na sròin,
Fà dan mòra pròiceach taise
Dh'fheumadh seacachadh gu leòr.
"'Ni sinn riaghan caol" thuirt Ailean,
Ged a bhiodh i fada sìnt',
Mar cuir gaoth is grian a tail i,
Cha tig srad aist' ann an Tìm."
Thà inig Alasdair le là raidh,
Cha b' ann sà mhach, ach na ghlòir,
Chualas èigheachd aig taigh Thà ididh
Dol na dhrà gan ris na seòid.
"Leudaichibh a-mach am beul aic'
Chlann a' riabhaich tha sibh ann,
Nach dean gnothaich ceart na ciallach,
Ach a' fiaradh 's ri cur cà m."
Thug e an uair sin dhaibh na tòimhsean,
Trì ceum coise, 's thabair leud,
'S gann nach deach e as a losaid
Aig cho farsaing 's a bha sgiab.
Chaidh Cairistìona bhochd air mhiapadh
'S beag an t-iongnadh 's mar a bha,
'N dreamaisg ud le chasan sgapte,
'S e ri siamaich na chùis-ghrà in.
Cha b' ann snasail dh'fhàs an còrr dhith,
Bha cus chòcairean na ceann,
Leudaich, dh'à rdaich, dhruid is ghròb iad
A' chruach mhònach bun-os-cionn.
Beannachd aig na bodaich chòir ud
Rinn an tòrr gun dòigh gun tùr,
Murchadh, Ailean agus Tòmas,
'S gum bu fada beò an triùir.
Earail bheag a-nis 's a' chrìoch dhuibh,
Los gun dhìochuimhnich mi tòrr,
Faicibh Mà iri is Cairistìona,
Bheir iad sgeul dhuibh air a' chòrr.

'S ann à sgìre Nis, Leòdhas, a bha Aonghas Caimbeul, no Am Puilean mar a b' fheà rr a dh'aithnichear e. Mar a sgrìobh e fhèin ...
Fiosrachadh air Aonghas Caimbeul (Am Puilean) / Learn more about Aonghas Caimbeul (Am Puilean)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.