Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam Ros agus air a sheinn le: seòras guinne.
This is a song written by: Uilleam Ros and sung by: seòras guinne.
A chuachag nan craobh, nach truagh leat mo chaoidh
Ag osnaich ri oidhche cheòthar?
Shiùbhlainn lem ghaol fo dhubhar nan craobh
Gun duin' air an t-saoghal fheòraich.
Thogainn ri gaoith am monadh an fhraoich,
Mo leabaidh ri taobh dòrainn
Seo chrutha geal caomh sìnte rim thaobh
Is mise gad chaoin phògadh.
Chunna mi fhìn aisling, 's cha bhreug,
Dh'fhà g sin mo chrè brònach,
Fear mar ri tè, a' pògadh a beul,
A' brìodal an dèidh pòsaidh;
Dh'ùraich mo mhiann, dh'atharraich mo chiall,
Ghuil mi gu dian, dòimeach,
Gach cuisle is fèith o ìochdar mo chlèibh
Thug iad gu leum còmhla.
Thuit mi led ghath, mhill thu mo rath,
Strìochd mi le neart dòrainn,
Saighdean do ghaoil sà itht' anns gach taobh,
Thug dhìom gach caoin còmhla.
Mhill thu mo mhais, ghoid thu mo dhreach,
'S mheudaich thu gal bròin dhomh;
'S mur fuasgail thu trà th, led fhuran 's led fhà ilt',
Is cuideachd am bàs dhomhsa.
'S camlubach d' fhalt fanna-bhuidh' nan cleac
'S fabhradh nan rosg à lainn;
Gruaidhean mar chaor, broilleach mar aol,
Anail mar ghaoth gà raidh.
Gus an cur iad mi steach, an caol-taigh nan leac
Bidh mi fo neart crà idh dheth,
Le smaointean do chleas, 's do shùgraidh ma seach
Fo dhuilleach nam preas blà thmhor.
'S tu 'n ainnir tha grinn, mileanta, binn,
Led cheileire, seinn òran,
'S e bhith na do dhà il a dh'oidhche 's a latha
Thoilicheadh cà il m' òige.
Gur gile do bhian na sneachd' air an fhiar,
'S na canach air sliabh mòintich,
Nan dèanadh tu, rùin, tarraing rium dlùth
Dhèanainn gach tùrs fhògar.
Cà irear gu rèidh clach agus crè
Mum leabaidh-s' a bhrìgh d' uaisle
'S fada mi 'n èis a' feitheamh ort fhèin
'S nach togair thu, gheug, suas leam;
Nam bu tus' a bhiodh tinn dhèanainn-sa luim
Mus biodh tu fo chuing truaighe;
Ach 's goirid an dà il gu faicear an latha
'M bi prasgan a' trà 'l m' uaigh-sa!
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.