Òran air a sgrìobhadh le: Pà draig Caimbeul (Bà rd Bhrà gair) agus air a sheinn le: Murchadh MacIllEathain (Am Provost).
This is a song written by: Pà draig Caimbeul (Bà rd Bhrà gair) and sung by: Murchadh MacIllEathain (Am Provost).
Sheòl mi an-uiridh, òr gam fhuran
Sheòl mi an-uiridh cuan an t-sà ile;
Seòladh taobh na Stà itean Aonaicht'
Bho mo dhaoin' an tìr nan à rd-bheann.
Siubhal air long mhòr a' chuain,
Le stuadhaibh guail bho pìoban à rda,
Siud a' Lebhiatan luath
B' e dà Dhi-luain a rinn sinn tà mh oirr'.
Nuair a dh'fhà g sinn fearann Èirinn,
Dùd ag èigheach rinn gun sheòl sinn;
Togail oirr' don à ird an Iar,
Le mìle 's ceud againn air bòrd oirr'.
'S iomadh fear is tè bha tùrsach,
'S a chuir an cùlaibh gu brà th ris
Leigeil soraidh leis an dùthaich,
Nuair thòisich a' roth-cùil a' bà ireadh.
Ach nuair rà inig sinn a-null
Gu tìr Cholumbais 'n à m an à itich;
Ghiùlain carbaidean na smùid
Sinn suas an dùthaich air feadh an à ite.
Siubhal tro mhonaidhean gruamach,
Coilltibh buan a ghiuthas bà n ann
Chan fhaicinn fearann no aonaich
Aig barraibh nan craobh len à irde.
Ach dh'fhosgail na lianagan feòir dhomh,
'S fhuair mi 'n còmhnard fo mo shà iltean,
Gun chraoibh ri fhaicinn na chòir,
Ach taighean mòr is sìgean trà thach.
Seo am plèine mòr man cualas,
'S a bha uaireigin na fhà sach;
Aig a' chrodh fhiadhaich nam mìltean,
'S aig na h-Innseanaich na Àrois.
Ach tha caochladh air an à m sin,
Cha ruith na h-eich-allt' air à rainn,
Chuireadh bho shiubhal na buabhaill
Le gunna 's luaidhe chloinn IÃ phet.
Siud an tìr 's an à ite fialaidh,
Dh'fhàs a' sìol gun todhar bà thaich,
'S an cruithneachd aig à ite bualaidh,
Mar thìoradh cruaidhicht' on à thaidh.
Ach ma dh'fhà ilnicheas a' fonn
'S a bhrìgh air lunn a bhith ga fhà gail;
Chan e feamainn dearg na brùcainn
Chumas a shùgh dhaibh an à irde.
Tha do chloinn ag òl san à m ann
Sùgh nach gann à smior a' ghrà inne,
As gach fineadh agus tìr
A chruinnich nan dìobaraich là mh riut.
Chan eil cinneach san Roinn Eòrpa
Nach d'fhuair iad sgòid ann am pà irt ann,
Dèanamh an dachaigh sa chòmhnard
'S faobhair a' chroinn mhòir ga à iteach.
Chunnaic mi gach seòrsa dhaoine
Mar a sgaoil iad às gach ceà rnaidh
Daoine buidhe 's daoine dearga
Ach 's beag a dh'aithnichinn-sa den cà nan.
Chunnaic mi gach seòrsa sluaigh ann,
Fuil nan uasal ann am pà irt dhuibh,
Clann Mhic Mhathain on taobh tuath,
'S e siud mo shluagh a thaobh mo mhà thar.
Ach chunnaic mi na daoine seòlta
Shà bhadh stòr à foileadh chà ich ann,
'S mar nach d'fhuair iad e le còir,
Gun dh'fhalbh an t-òr eadar a là mhan.
Chunnaic mi na daoine caomhantach
'S gann a lùthaigeas iad air cà ch rud
Iad cho cruaidh ri glasan dùbailt'
Aig an ùmaidh air a' mhà ileid.
Ach 's ann ann tha daoine còir'
A chuireadh fògarraich an à ite,
Còir mar fhaoileagan le seòin ac'
'G èigheach lòn ma 'm bi iad sà thach.
Clann ann GÃ idheal 's clann na GÃ idhlig
Thogadh mùirneach blà th a Leòdhas,
Sliochd nan daoine còir a bha
'S a fhuair an à irde gu bhi dòigheil.
Clann Lochlainn on à irde tuath
'S lìonmhor shuas air feadh an à ite,
Thaghainn iad ro chloinn na Suain
A chumail cluaiseanachd ri nà baidh.
Clann na Gearmailt air a' phrèiri
Tha iad fèineil ann an nà dar,
'S mar a bi toiseach nan ceum ac'
Buailidh e gu geur an à rdan.
Sheall leam cuid le aodainn ghruamach
A las tuairisgeul bho chà ch iad,
Thiormaich an cladhannan suas dhomh
Mar dheòghlas sguabag na Mà rta.
Ach mo shoraidh chun Dacota
Air cuan mòr nan gaoithean là idir,
Dh'ionnsaigh fuigheal a tha m' ùidh orr'
'S leis nach b'fhiù mo chur fo phrà mh ann.
'S iomadh fear a dh'fhalbh an cèin
A' cluinntinn sgeula mhòr o chà ch air,
Dh'fhà g an ulaidh às an dèidh
'S riamh nach d'fhuair an greim a dh'fhà g iad.
Chunnaic mi e dh'fhalbh dha dheòin
'S dùil aige ri pòcaid là n à s,
'S mòr gum b'fheà rr e mas do sheòl e
Biadhadh a' lìn mhòir am bà ta.
Cha e dìth nam bonnach choirce
A chur le phoca e air imrich,
Ach nach fulaing seangan socair
'S toiseach aig' air a dhol iomrall.
Chunnaic mi na dh'fhalbh le fòirneart
Air am fògradh às an à ite,
Fhuair a saibhlean là n do stòr
'S an clann ag òl às dheth le à ilgheas.
Chan ann don fhear luath a rèis
No buaidh na streup don duine là idir,
Ach tha tuiteamas is à m
Cur mìle bonn thuige gun mhà ladh.
Ach nuair thog mise orm gu triallas
Bha camadh nam bial a' gà ireadh,
Is priobadh na sùl le siatadh
Gabhail iongnaidh rium ga fhà gail.
Ged bhiodh iad a' tà mh an Eden
Dh'fhòghnadh eud a bhi cho à rd ac',
Nuair tha iomadh rud san tìr
A dhèanadh ìomhaigh Bhìnuis grà nda.
Ma tha Pà rras ann an dà imh ris
Le sonas nan ainglibh à irde,
Chì mi 'n daoimean leis a roinn,
Is chan eil camp anns nach eil Àchan.
Ach thèid mise dhùthaich m' òige,
Far an seòlainn dlùth a là rag,
'N Ã it' am bheil a' chuideachd shunndach
Dh'fhà isgeadh trom air a' rà mh-brà ghad.
Seadh thèid mise dhachaidh dìreach
Chùm mo dhaoine mar a b' à bhaist,
'S gheibh mi 'n trà igh-thonnag 's am maorach
Nuair a tha Sgeir Mhaol is trà igh oirr'.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha an tuilleadh fiosrachaidh mu Phà draig Caimbeul ri fhaighinn anns an iris Gairm, Àireamh 96, Leabhar 24, agus tha h-aon deug de na dà in aige anns an leabhar Bà rdachd Ghà idhlig le Pà draig Caimbeul, a chaidh fhoillseachadh le Donnchadh Grannd an Inbhir Nis.
Rugadh agus thogadh Murchadh MacIllEathain, mac Mhurchaidh Aonghais Iain, air an robh mar fhar-ainm "Am Provost", ann am Brà gair agus chuir e seachad a bheatha ...
Fiosrachadh air Murchadh MacIllEathain (Am Provost) / Learn more about Murchadh MacIllEathain (Am Provost)Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.