Rugadh agus thogadh Murchadh MacIllEathain, mac Mhurchaidh Aonghais Iain, air an robh mar fhar-ainm "Am Provost", ann am Brà gair agus chuir e seachad a bheatha ag obair sa mhuileann ann a' Siabost.
Phòs e dhan Leathad Fhraoich a tha air a' chrìoch eadar Brà gair agus Siabost.
Tha cuimhne aig cuid ann am Brà gair fhathast air a bhith a' cluinntinn mu sheanmhair, banntrach Aonghais Iain, aig an robh gibht shònraichte airson bà rdachd. A rèir coltais 's ann ann am bà rdachd a bhiodh i tric a' bruidhinn. Bha e mar gum biodh e a' tighinn bhuaipe gu nà darrach.
Chaidh Murchadh a thogail am measg òrain agus na bhalach-sgoile dhèanadh e fhèin òran cuideachd.
Bha e dèidheil air a bhith seinn agus aithnichte mar dhuine abhcaideach, caractar.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.