Òran air a sgrìobhadh le: Uilleam MacCoinnich (Loch Carrann) agus air a sheinn le: Seumas C. M. Caimbeul, Seumas Caimbeul, tormod a. macFhionghain, tormod macFhionghain agus Tormod MacIllEathain.
This is a song written by: Uilleam MacCoinnich (Loch Carrann) and sung by: Seumas C. M. Caimbeul, Seumas Caimbeul, tormod a. macFhionghain, tormod macFhionghain and Tormod MacIllEathain.
'S trom an luchd seo th'air m' inntinn,
Agus m' uirsgeul ri innse gur truagh,
Thriall mo shùgradh 's mo mhà nran,
Lion tùrsa na à ite mi 's gruaim,
Tha mo choill air a maoladh,
'S nì soilleir a shaoil air mo ghruaidh,
'S tearc mo shocair ri fhaotainn,
On là ghlacadh le aog thu cho luath.
'S ann a' chiad là den Earrach,
Bhuail an t-eug mi, an spealadair lom,
Bhrist air ùbhlan mo ghà rraidh,
Leag e m' abhall fo bhlà th thar a bhonn.
Rium-sa bhuin e neo-fharasd,
Nuair thug e leis Alasdair Donn,
Mo chruas iomairt 's mo chearrachd,
'S truagh dhuinne nach tèarainn sinn bonn.
'S e bhith d' chà radh air èisleig,
Rinn mo chrà ladh fo asnach mo chlèibh,
Chuir mo chrìdh às a chochall,
Chor 's nach suidhich è socrach na dhèidh;
Gur luaithe le bhuillean,
Na mar ghluaiseas an duilleach air ghèig,
Chaidh mo shlà inte gu mearan,
Chan eil stà th bhith ga ghearan ri lèigh.
'S e bhith strà cadh air t' uilinn,
Chuir mo shlà int' ann an cunnart bochd, fann,
Am breislich bhà is bhith gad amharc,
Ghreis tre m' Ã irnean an t-saighead gun cham.
Bhrist an t-srian bha ri m' aigne,
Dh'fhalbh mo chiall, chaidh fà th m' eagail air chall,
Chaidh mo ghearradh gu neoni,
Beairt a reubaidh mo shonais a bh' ann.
Dhia ullaich-sa fèin mi,
'S mi 'n dèidh mo chèill a bhuin dìom,
O 'n là bhuinnig an t-eug dhiom,
An tì 's mò robh m' èibhneas fo Chrìosd,
Tha mo bhun anns an Treun-fhear.
A dh'fhuiling a cheusadh gar dìon,
Gu bheil t' anam am PÃ rras,
'S b' è bhith mar riut a-mà ireach mo mhiann.
Tha gach duine dheth d' chà irdean,
Mar ri d' mhuime 's ri d' bhrà ithrean fo bhròn,
'S an aona phiuthar a dh'fhà g thu,
Ri sìor chumha 's ri fà sgadh nan dòrn.
Gu bheil fios aig an Àrd-rìgh,
Ged nach fiosraiche chà ch mar tha leòn,
Gach aon neach tha mi rà itinn,
Gu bheil an cridheachan crà iteach nì 's leòr.
'S beag an t-iongnadh mar tha iad
Mar mhuir reothairt air trà ghadh le deòir
Cha b'e garlaoch na feachda
Bha sibh 'g à ireamh bhith agaibh mar threòir.
Ach foghlam, cruadal is cleachdadh
An fhir thrèin bu mhòr tapadh san tòir
Dam bu leannan an uaisle
Ann ad leanabh, 's gun d'fhuair thu i òg.
B' e sud fiùran na glaine,
Bha gu fiùghantach, fearail, a' fà s,
Mùirneach, iriosal, suairce,
Sùgach, binn-fhaclach, buaghach 's gach cà s.
Fear do choimeis cha chualas,
Thaobh gach subhailc bha fuaite ri d' ghnà s,
Dh' fhà g thu uile fo ghruaimean,
Gach tì chunnaic, no chuala do bhà s.
Bha do threabhantas ullamh,
Anns gach feum ann 's an cuireadh tu là mh,
Chor 's nach cùbaire b' urrainn,
Cùis a bhuinnig den churaidh gun sgà th.
Ge do theireadh luchd-mascuill,
Gur h-i bhreug cuid is ceart tha mi rà dh,
Dhearbh thu fèin a bhith tapaidh,
Ge do dh'èireadh dhomh fantainn am thà mh.
Fhuair thu tuigse an deagh nà dair,
Agus gliocas bho Àrd-rìgh nan dùl,
Ann an cèill bha thu labhair,
'S ann an ceudfaithean flathail bha thu.
Anns gach ceaìrd bha thu cosant,
Gu neo-à rdanach, foistinneach, ciùin,
Ort ri à ireamh bu deacair,
Cron an' cà ileachd, am pearsa, no 'n cliù.
Shuidhich d' inntinn air cheartas,
Air chinnte, fhir reachdair seo dh'eug,
Leis gach neach bha thu taitneach,
Iochdar, caomh-chà irdeach, ceart anns gach ceum.
Gu fial, furanach, nà rach,
Riamh mar churaidh neo-sgà thach gun bheud,
Leòmhann fiorachail, tapaidh,
Teò-chridheach, iriosal, macant' am beus.
Thriall gach socair bha agam,
Chaidh mo chòmhnaidh 's mo chadal an laoid,
Tha lionn-dubh agus airsneal,
Da m' tharrainn gu leabaidh am shlaod,
Gam shìor ruagadh am shlapan,
Dh'aindeoin cruadail na tapadh gam faod,
Tha mo ghualainn gun taice
On là bhuaileadh ort slacan an aoig.
Chaidh mo shùgradh fo lighe,
Gur ciùirt' tha mo chridhe am chom,
Osnaich thùrsach dam theirbheirt,
Blas mo chupain gur seirbh e na 'n domb,
Fhir a chruthaich mi 'n ceud uair,
'S a tha stiùireadh nan reult os ar cionn,
Orm furtaich, 's cluinn fèin mi,
'S tog an luchd-sa th' air m'inntinn gu trom.

Rugadh Tormod MacIllEathain ann an Glaschu ann an 1936. 'S e docair a bha na athair Niall Mòr, mac Eòghainn Ruaidh, a bhuineadh do Thiriodh. ...
Fiosrachadh air Tormod MacIllEathain / Learn more about Tormod MacIllEathain
Rugadh Seumas Cailean MacRath Caimbeul (1897–1979) aig Beinn Dronnaig ann an Loch Aillse, far an robh athair na gheamair. Bha athair, Raibeart, à Gleann Canaich ...
Fiosrachadh air Seumas C. M. Caimbeul / Learn more about Seumas C. M. Caimbeul
Rugadh Seumas Caimbeul anns a' Ghnìopa san Eilean Sgitheanach ann a' 1945, an latha mu dheireadh den Dà rna Cogadh - an t-isean deireadh linn aig ...
Fiosrachadh air Seumas Caimbeul / Learn more about Seumas CaimbeulCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.