
Rugadh Seumas Caimbeul anns a' Ghnìopa san Eilean Sgitheanach ann a' 1945, an latha mu dheireadh den Dà rna Cogadh - an t-isean deireadh linn aig Seumas Chaluim Sheumais agus Mà iri Anna NicLeòid, Mà iri Anna Choinnich a' Chanaich. Bha ceathrar pheathraichean agus dithis bhrà ithrean aige, ach chaochail piuthar agus brà thar anns na h-ochdadan.
Chaidh e gu Bun-sgoil Bhatunn agus Àrd-sgoil Phort Rìgh. An dèidh greis ann an Oilthigh Dhùn Èideann agus greis ri sud is seo ghabh e suim ann an obair poileas agus chuir e seachad deich bliadhna fichead na phoileasman ann an Glaschu.
Ann an 1971 phòs e fhèin agus Karen NicDhòmhnaill às an Ath Leathann. Thachair iad air a' chiad bhliadhna ann a' sgoil Phort Rìgh. B' i Karen nighean le brà thair an Dotair Ailean Dòmhnallach (An Dotair Mòr), pìobaire agus britheamh pìobaireachd ainmeil.
Bha an taigh anns an do thogadh Seumas là n ciùil - seinn is pìobaireachd - agus bha e deònach 's fhuair e 'n cothrom òrain ionnsachadh bhon teaghlach air fad.
Choisinn e Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich ann an 1971 agus am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs ann an 1974. Chuir e seachad còig bliadhna fichead còmhla ri Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu agus deich bliadhna còmhla ri Còisir Ghà idhlig Shruighlea, an dà chuid mar sheinneadair agus mar fhear-stiùiridh, leis gach còisir.
Bidh e fhathast a' seinn leis fhèin agus mar bhall de Na Caimbeulaich. Tha seo air a thoirt air feadh Alba, Sasainn, Èirinn, An Fhraing, Canada agus, ann an 2009, fhuair e cuireadh seinn anns an Taigh Opara Rìoghail ann am Bayreuth anns a' Ghearmailt, a' chiad uair a chualas Gà idhlig anns an à ite ainmeil sin.
Bidh Seumas tric na bhritheamh aig Mòdan Ionadail agus Nà iseanta.
Dh'ionnsaich e Àirigh Luachrach Ùige bho athair agus bho Mhurchadh, brà thar athar.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.