Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain agus air a sheinn le: Catrìona NicGill-Eain.
This is a song written by: Iain MacIllEathain and sung by: Catrìona NicGill-Eain.
Chalum, a rùin,
o nach dh'eug thu
's airsnealach, tinn
às do dhèidh sinn;
geà rr bha do rèis,
geà rr do saoghal,
buan an creuchd
bheum do dhaoine.
'S tusa bha mear,
èibhinn, aotrom,
dealasach, ceart,
eirmseach, daonda;
fulganach, treun
gleac ri eucail,
gun fhiamh, gun ghealt
ri uchd èig thu.
Sgoilear gun mheang,
tuigseach, gleusda
thionail ar fuinn,
thruis gach sgeulachd.
Choisinn thu cliù
thall an Èirinn
's bhos an Alba
mòr bha dh'fheum ort.
Blà th bha do chrìdh,
fialaidh, mùirneach,
macanta, còir,
coibhneil, fiùghant';
fuaraidh an nochd
aognaidh, ùdlaidh
leaba na suain
às nach dùisg thu.
Calum Iain MacGill-Eain
Rugadh Calum Iain MacGill-Eain, Calum an Tà illeir, brà thair do Sheonaidh MacGill-Eain, ann an Ratharsair air 6 Sultain, 1915. Chaidh e do dh'Àrd-sgoil Phort Rìgh agus an uair sin gu Oilthigh Dhùn Èideann far an tug e ceum le urram aig a' chiad ìre ann an Eòlas na Ceiltis.
Le dà sgoileireachd a bhuannaich e, chaidh e gu Coláiste Ollscoile ann am Baile Àtha Cliath. Nuair a thòisich an Dà rna Cogadh, b' fheudar dha obair a shireadh, an toiseach ann am factaraidh ann an Cluain Meala, agus chaidh e a dh'fhuireach ann an Indreabhán, ann an Conamara. Seo far an do ghabh e ùidh ann am beul-aithris na sgìre, far an do dh'ionnsaich e a' Ghaelige agus far an do ghabh e ris a' chreideamh Chaitligeach.
Chuir e fios gu Coimisúin Béaloideasa Èireann agus chaidh fhastadh na neach-cruinneachaidh beul-aithris pà irt-ùine. Anns a' Ghiblean 1945 fhuair e obair là n-ùine aig a' Choimisúin ann am Baile Àtha Cliath agus 's ann ag obair dhaibh a bha e nuair a thòisich e a' cruinneachadh beul-aithris ann an Alba, còrr air 9,000 duilleag na là mh-sgrìobhaidh fhèin.
Aig toiseach 1951, thòisich MacGill-Eain na neach-cruinneachaidh aig Sgoil Eòlais na h-Alba a bha na roinn ùr de dh'Oilthigh Dhùn Èideann. As an dol a-mach chaidh Calum do Loch Abar, far na thog e còrr air 500 naidheachd bho fhear Iain Dòmhnallach, Iain am Bà rd. Thug e faisg air bliadhna (1951-1952) aig Oilthigh Uppsala anns an t-Suain far an d' fhuair e trèanadh ann an sgilean a bha feumail an luib obair cruinneachaidh.
Tha an sgoilear Anndra Wiseman air a bhith rannsachadh obair MhicGill-Eain agus sgrìobh e:
"Tha e na iongnadh gun do thog MacGill-Eain na h-uiread de bheul-aithris 's a bha ri fhaighinn aig an à m a bha sin: eachdraidh na Fèinne, duain, naidheachdan mu na sìthichean, mu chreideamh, an dà shealladh, sgeulachdan mòra eadar-nà iseanta, cho math ri sgeulachdan beaga agus iomadh rud eile – gu dearbh rud sam bith a bhuineadh don t-seann saoghal a bha sìor-dhol à s.
Gun teagamh sam bith, bha talent 's ealain air leth aige airson na h-obrach seo. Ge be dè a' cheà rnaidh san tadhaileadh e, bha eòlas an t-sà r sgoileir aige air eachdraidh an à ite, agus cha b' fhada gus an d' fhuair e lorg air seanachaidhean agus seinneadairean, ma bha iad idir ann. Cuideachd, bha e furasda do MhacGill-Eain a bhith faighinn air adhart le iomadh seòrsa duine agus chuireadh iad earbsa ann. 'S ann an uair sin a bhiodh iad deònach rud sam bith a bh' aca a thoirt seachad."
Chaill Calum a ghà irdean chlì le aillse ann an 1956 ach lean e air ag obair. Nochd leabhar, The Highlands, ann an 1959, air fhoillseachadh ann an Lunnainn le Batsford. Gu dearbha, bha e a' clà radh cha mhòr chun an latha mu dheireadh dhe bheatha. Chaochail e, aig aois 44, san t-Sultain 1960 ann an Dalabrog, Uibhist a Deas. Chaidh a thiodhlacadh ann an Cnoc Hà llain agus rinn brà thair eile dha, am bà rd Somhairle MacGill-Eain, cuideachd cumha dha:
Ghabh thu an ratreuta
Fhir bhig a' chridhe mhòir,
Ghabh thu do dhìon air cùl a' ghà rraidh
Far 's mìlse muran na Gà idhlig,
Fhir bhig an treuntais mhòir.
Ghabh thu an ratreuta
Gus an iomall shiair,
Thusa nach do ghabh am bristeadh,
Nach do bhristeadh riamh.
A rà inig beul na h-uaghach
Is do spiorad sìor bhuadhach.
Rugadh Catrìona NicGill-Eain ann an 1951 ann an Inbhir Nis, ged a bha an teaghlach a' fuireach ann an Dùn Èideann aig an à m. Chuir ...
Fiosrachadh air Catrìona NicGill-Eain / Learn more about Catrìona NicGill-EainCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.