Òran air a sgrìobhadh le: Iain Mac Ille Bhrath (Am Pìobaire) agus air a sheinn le: Alasdair MacGillìosa.
This is a song written by: Iain Mac Ille Bhrath (Am Pìobaire) and sung by: Alasdair MacGillìosa.
'S tric mi tionndadh am leabaidh
'S gun mo dhùil ris a' chadal;
'S beag an t-iongnadh siud 's m' aigne cho crà iteach.
Fhuair mi sgeula sa mhadainn
Thromaich èislean fo m' aisnean
'S cha tuig lèigh no fear m' fhaicinn mar tha mi:
Gun do chiùrradh am faillean
Bh' air freumh dùthchais nam meangan;
Craobh a b' ùire measg darag a' ghà rraidh.
Mìle marbhphaisg air 'n t-saoghal
'S mairg a bheireadh ro ghaol da
'S nach eil ann de na daoine ach sgà ile.
'S tric ar n-uaighean gan cladhach,
'S uainn ar n-uaislean gan taghadh:
'S grad a bhuaineadh oirnn rogha nan à ghan.
Mhic 'Ic Dhùghaill on Ghainmhinn,
O bhun stùc beinn an t-sealgaich,
'S goirt a chunntadh an aimsir seo 'd chà irdean.
Gnùis a b' à illidh ra sireadh,
Sùil bu bhlà ithe gun tiomadh,
'S deacair à ireamh aon ghin a thug bà rr ort.
Àlach prionnsail a' chruadail
Sgà than-sampaill na h-uaisle,
'S goirt ri chluinntinn gun sguabadh do là rach.
'S beag an t-iongnadh do dhìslean
Gur h-i 's aithghearr a chrìonas;
'S tric tha tobraichean fìor-uisg' a' trà ghadh.
'S iomadh latha mòr meadhrach
Air bhà rr aighear is greadhnais
Thug na maithibh an teaghlach na Trà igh ud.
Mo chreach lèir Clann Mhic Dhùghaill
'S iad mar choill air a rùsgadh;
Cò nis sheasas an cùis an à m gabhaidh?
Bhon a dh'fhalbh an sgiath dhìdein
Bha na dìon aig na sinnsribh –
Iuchair ghlèidhte nach dìobradh nan càs iad.
Nam b'e iomairt no eucoir
Leis an deachaidh do chreuchdadh,
Air mo là imh nach biodh t-èirig gun phà igheadh.
'S lìonmhor curaidh deas dealbhach
Rachadh ullamh ga dhearbhadh;
Sheasadh duineil fo airm an à m tairgne.
'S ann diu fìor shliochd do thaighe
Rachadh sìos leat gun athadh
Dhèanadh gnìomh an à m crathadh na stà ilinn.
Agus Morair sin Shlèite
Air bhà rr corra-ghleus mar a dh'fheumadh
Le laoich fhoirmeil nach gèilleadh 'n à m gabhaidh.
'S là idir gaisgich Chloinn Raghnaill
Mar bhà rr lasrach à t-adhbhar,
'S cha b'e b'fhasan dhaibh claonadh 's na blà raibh.
Oighre Chnòideart a' bharraich
Dam bu chòir a bhith fearail –
'S cian a sheòrs' am bun Gharaidh an tà mhachd.
Sin is foirmidh na choinneamh
Sliochd Iain Òig às na Gleannaibh,
Bhiodh gad chòmhdach le barantas là idir.

Rugadh Alasdair MacGillìosa ann an Glaschu air 8 Faoilleach, 1938. 'S ann às an Dìg ann a' Stafainn an Eilean Sgitheanaich a bha athair, Seonaidh ...
Fiosrachadh air Alasdair MacGillìosa / Learn more about Alasdair MacGillìosaCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.