Rinneadh an Cumha seo do Shìm Òg Dòmhnallach, Mac Mhic Dhùghaill Mhòrair a chaidh a mharbhadh sa bhliadhna 1812 le urchair thubaisteach bho ghunna fhèin.
Rinneadh e le Iain Mac Ille Bhrath, Iain a' Phìobaire no Am Pìobaire Mac Ille Bhrath, a bhuineadh do dh'Àrasaig. Rugadh e mun bhliadhna 1784 agus rè ùine bha e air thaigheadas aig Alasdair Dòmhnallach Ghlinn Alladail, Alasdair Ruadh no Fear a' Ghlinne mar a chante ris. B' ann le Alasdair Ruadh a bha am bà ta ainmeil, an Dubh Ghleannach, air Loch Seile, agus tha e coltach gur e Am Pìobaire Mac Ille Bhrath a tha air ainmeachadh anns an t-òran a rinn Ailean Mac Dhùghaill (Ailean Dall) à Gleann Comhann mu deidhinn.
Latha dhomh 's mi an cois na trà ghad
Chuala mi caismeachd nan GÃ idheal:
Dh'aithnich mi meòir grinn a' Bhrà ighich
Air sionnsair ùr bu lùthmhor gà ire,
'S thuig mi gun do ghluais an t-Ã rmann,
Fear thogail nan tùr uasal stà tail.
'S i an Dubh Ghleannach a bh' ann
Hò-ro gheallaibh, na cò chuireadh i?
Trom orra seinn.
Bu mhiannach leam sunnd nam port ealanta
Bu chunbhalach ùrlar is gearraidhean:
Dìonach, lùthmhor, dlùth, neo-mhearachdach
Tionndadh na siùbhlaichean caithreamach,
Dhùisgeadh lùth na smùis 's na caraidean:
Dùthchas na lann dubh-ghorm tana dhuibh!
'S i an Dubh Ghleannach a bh' ann.
Chaidh Am Pìobaire do Chanada ann an 1818 far na ghabh e tuathanas aig Highfield, faisg air Malignant Brook an Siorrachd Antigonish. Bha e ri obair fearainn an sin gu 1840 nuair a thòisich e a' teagasg ann an sgoiltean aig McCara's Brook agus an uair sin aig Maryvale.
Gu mì-shealbhach chailleadh na là mh-sgrìobhainnean aige nuair a chaidh an taigh aige a sgrios le teine beagan bhliadhnaichean mus do chaochail e san t-Samhain, 1862. Le sin chan eil ach beagan den bhà rdachd aige againn, agus 's e 'Òran Allaban Suirighe', far a bheil e a' dèanamh dealbh air mar a thachair dha turas is e air a dhol a shuirighe, 's dòcha am fear is eòlaich air a bheilear an-diugh:
Mìle marbhphaisg air an t-sùirigh
'S bochd le neach dan tèid i iomrall;
FÃ gaidh si inntinn fo iomagain
Gluasad cho sìmplidh ri meà rlach.
Chaidh Cumha do Shìm Òg fhoillseachadh ann am Mac-Talla, am pà ipear-naidheachd Gà idhlig a bha ga fhoillseachadh an Ceap Breatainn eadar An Cèitean, 1892, agus an t-Ògmhios, 1904, fo là mh-deasachaidh Eòin MhicFhionghain. Air 28 Mà rt, 1902, dh'fhoillsich e facail an òrain agus nan cois bha teisteanas bhon t-Urr. Alasdair MacIllEathain Mac na Ceà rdaich:
"'S e bà rd math a bh' anns A' Phìobaire Mac Ille Bhrath. Is aobhar cliù e do gach aon a bhuineas da agus d' a chinneadh. Bha e na Ghà idheal gu chùl mar a bha a dhlùth chà irdean Mgr Raonall, sagairt Àrasaig, agus Mgr Anndra, sagairt Lios Mòr. Tha e na ghnothach bochd nach rachadh òrain A' Phìobaire a chruinneachadh 's a chuir a-mach ann an leabhrachan."
Chuir MacIllEathain Mac na Ceà rdaich dà òran leis A' Phìobaire an clò an 1881 anns an leabhar aige Clà rsach na Coille - 'Òran nan Gaidheal' agus 'An Dubh-Luideac'.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.