Òran air a sgrìobhadh le: Calum MacPhà rlain agus air a sheinn le: aunice m. nicGillìosa agus Mà iri NicArtair.
This is a song written by: Calum MacPhà rlain and sung by: aunice m. nicGillìosa and Mà iri NicArtair.
Òigh mo chridhe, òigh mo ghrà idh!
'S fuar an-diugh d' à ite tà imh.
Shearg do dhuilleach, chrìon do bhlà th,
Is chà raich iad san ùir thu.
'S mise tha crà ite, 's mise tha truagh,
Dh'oidhche 's a latha gad ionndrainn uam,
Ghlais iad m' èibhneas anns an uaigh,
'S chan fhuasgail caoidh no tùrs' i.
Bha thu ciùin, bha thu caomh;
Bha gach dùil ort an gaol.
B' i do bhathais mhà lda, chaoin,
Mo ghrà dh a dh'aom air tùs riut.
Thug thu barrachd ann am beus;
Bha thu maiseach thar nan ceud;
Bha do chruth gun mheang, gun bheud -
Is trom mo ghleus gad ionndrainn.
Chaidh thu à s, reul nam buadh;
Dh'fhà g thu 'n speur tuille 's luath -
Neul a' bhà is, 's e sgar thu bhuam,
'S is tuathal, trom mo chùrsa.
Bha thu rium mar sholas iùil,
Rionnag dheà lrach, sheud mo shùl;
Tha mi nis mar long gun stiùir,
Gun phort am dhùil às d' aonais.
Ach tha speur shuas air nèamh
Air nach gluais ceò no neul,
Iarmailt shoillseach 's à ille sgèimh,
Is deà rrsaidh tu às ùr ann.
Deà lraich thusa nuas am chridh',
'S treòraich mise chun na tìr
Anns an à ill leam leat-sa bhith
A-chaoidh gun dìth, gun chùram.

Rugadh Mà iri NicArtair ann an Ceann Loch Gilp agus tha dithis pheathraichean agus brà thair aice. B' ann à Bhalla, ann an Tiriodh, a bha a ...
Fiosrachadh air Mà iri NicArtair / Learn more about Mà iri NicArtairCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.