
Rugadh Mà iri NicArtair ann an Ceann Loch Gilp agus tha dithis pheathraichean agus brà thair aice. B' ann à Bhalla, ann an Tiriodh, a bha a mà thair, Mà iri NicFhionghain, Mà iri Theà rlaich Lachainn, agus bhuineadh a h-athar, Iain Leitch, don Chà rn Bhà n.
Choinnich a pà rantan nuair a bha an dithis aca ag obair anns an Ospadal ann an Ceann Loch Gilp. B' ann dhan ospadal sin a chaidh Mà iri a dh'obair nuair a dh'fhà g i Àrd-sgoil a' bhaile. B' e Fraingis a ghabh i anns an Àrd-sgoil oir bha a mà thair den bheachd gum biodh an cà nan sin gu barrachd feum dhith na Gà idhlig. Le sin b' ann an uair a bhiodh i air a saor-là ithean ann an Tiriodh a thog i a' Ghà idhlig. Bhiodh i a' seinn ann an còisir na sgoile aig mòdan ionadail ann an Ceann Loch Gilb, Ceann Loch Cille Chiarain agus anns an Òban.
An dèidh pòsadh ghluais Mà iri a Ghlaschu agus tha i air a bhith a' fuireach anns a' bhaile bhon uair sin. Chaidh i na ball de Chòisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn ann an 1962 agus tha i còmhla riutha chun an latha an-diugh.
'S ann ann an 1962 cuideachd a dh'fheuch i air farpaisean seinn na h-aonar agus ann an 1965 choisinn i am Bonn Òr aig a' Mhòd Nà iseanta anns an Leargaidh Ghallda.
Bhon uair sin tha Mà iri air a bhith a' seinn air feadh Bhreatainn, ann an tallaichean spaideil nam bailtean mòra cho math ri tallaichean beaga nam bailtean Gà idhealach. Tha i air mòran siubhail a dhèanamh, a' seinn anns na Stà itean Aonaichte, Canada, Latvia, Lithuania, Estonia, Ukraine agus bailtean mòra na Ruis.
An dèidh do Mhà iri seinn aig Co-chruinneachadh nan Cinnidhean ann an Ìle, ann an 1981, fhuair i cuireadh bho Chlann MhicArtair a bhith air aoidheachd aca aig a' chiad Cho-chruinneachadh Eadar-nà iseanta aig na Cinnidhean anns na Stà itean Aonaichte, ann an Georgia.
Fad deich bliadhna fichead bha Mà iri cuideachd a' seinn còmhla ri Còmhlan Ciùil Bobaidh Harvey fad seusan samhraidh an luchd-turais anns na bailtean timcheall Linne Chluaidh. Uaireannan, nam biodh iad ann am Baile Bhòid chan fhaigheadh i dhachaigh gu ceithir uairean sa mhadainn agus bhiodh aice ri dhol gu a cosnadh là n-ùine beagan uairean a thìde an dèidh sin.
Bha i na ball den bhuidheann luaidh Bannal ann an Glaschu airson greis agus bidh i fhathast a' seinn aig cuirmean bho à m gu à m. Bidh i uaireannan a' teagasg chloinne aig fèisean agus a' cuideachadh ag ullachadh na cloinne ann an Sgoil Ghà idhlig Ghlaschu airson Mòdan.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.