Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Iain Dòmhnallach agus air a sheinn le: Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr agus Mà iri NicAonghais.
This is a song written by: Dòmhnall Iain Dòmhnallach and sung by: Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr and Mà iri NicAonghais.
Do là mh, a Chrìosda, bi leinn an còmhnaidh;
Ar sìol gu fàs thu, ar gà rradh ròsan;
Ar foghair buain Thu, ar cruach dhen eòrna -
Nad shaibhlean biomaid aig crìch ar bèo-bhith.
Ar n-oiteag chùbhraidh, ar driùchd na Mà igh Thu,
Ar cala dìdein an tìmean gà bhaidh,
Ar grunndan iasgaich, ar biadh, ar sà th Thu,
Nad lìontaibh biomaid aig ìre bà is dhuinn.
Nar là ithean leanabais biodh d' ainm-sa beò dhuinn,
Nar là ithean aosta do ghaol biodh còmh' rinn,
Tro neòil ar dùbh'rachd ar cùrsa treòraich,
Tro shiantan dùr', gu reul-iùil ar dòchais.
Cha chrìoch am bàs dhuinn ach fàs às ùr dhuinn –
lìon led ghràs sinn, gu brà th bi dlùth dhuinn;
'S nuair thig an t-à m oirnn aig ceann ar n-ùine,
'S e òg-mhìos Mhà igh bhios an à ite Dùdlachd.

Rugadh Mà iri Nic Aonghais air 15 Lùnastal 1964 ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a ...
Fiosrachadh air Mà iri NicAonghais / Learn more about Mà iri NicAonghaisBha ceud bliadhna ann, ann an 2006, bho chaidh Eaglais Naomh Barr fhosgladh anns a' Bhà gh a Tuath ann am Barraigh. Ro sin, bha aig daoine ris ...
Fiosrachadh air Coisir Bhan à Eaglais Naomh Barr / Learn more about Coisir Bhan à Eaglais Naomh BarrCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.