
Rugadh Mà iri NicAonghais air 15 Lùnastal, 1964, ann am Baghasdal a Tuath an Uibhist a Deas.
Bha seinn a' còrdadh gu mòr rithe bho bha i beag agus ann an 1982 bha i am measg na feadhainn a b' òige a choisinn Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich aig Mòd an Eilein Sgitheanaich. An ath bhliadhna choisinn i aig an Fhèis Phan-Cheilteach an Èirinn.
On uair sin tha Mà iri air a bhith aithnichte mar sheinneadair tà lantach a tha air mòran a dhèanamh air programan rèidio agus telebhisean, air mar eisimpleir Na Daoine Beaga, Songs of Praise, An Teaghlach agus bho chionn ghoirid, Alleluia!
Tha i air seinn leatha fhèin an iomadach à ite as an dùthaich seo agus thall thairis agus còmhla ri iomadh neach agus còmhlan eile, eadar Runrig, an còmhlan Mouth Music agus Cor Meibion Llangwm.
'S i cuideachd a sheinn Land of Light, an t-òran leis na choisinn Uilleam Jackson an fharpais a bha aig a' phà ipear-naidheachd Herald Ghlaschu, ann an 1999 airson òran ùr airson Alba a lorg airson toiseach linn ùr.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.