Òran air a sgrìobhadh le: Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) agus air a sheinn le: Catrìona Anna Nic A' Phì, còisir ghà idhlig an t-Srà th, iseabail f. mitchell, Kathleen Ghreumach agus seinn aon neach (Mnathan).
This is a song written by: Mà iri Nic a' Phearsain (Mà iri Mhòr nan Òran) and sung by: Catrìona Anna Nic A' Phì, còisir ghà idhlig an t-Srà th, iseabail f. mitchell, Kathleen Ghreumach and seinn aon neach (Mnathan).
Ged tha mo cheann air liathadh
Le deuchainnean is bròn,
Is grian mo leth-cheud bliadhna
Air ciaradh fo na neòil;
Tha m' aigne air a lìonadh
Le iarrtas ro mhòr,
Gum faicinn Eilean Sgiathach
Nan siantanan 's a' Cheò.
Tha còrr 's dà fhichead bliadhna
Bhon thriall mi uait gam dheòin
'S a chuir mi sìos mo lìon
Ann am meadhan baile mòr;
Is ged a fhuair mi iasgair
A lìon mo thaigh le stòr,
Cha do dhìochuimhnich mi riamh
Eilean Sgitheanach a' Cheò.
Nuair chuimhnicheam an Cuiltheann
'S a thulchann ris na neòil,
Glà maig is Beinn Bhuirbh,
Eilean Thuilm is Leac an Stòrr;
Gun ruiginn Rubha Hùinis,
Gach cnoc is cùil is fròg,
'S an taobh eile sealladh aoibhneach
De Mhaighdeannan MhicLeòid.
An tìr san robh na fiùrain
'S gach cùis a sheas an còir -
Bha smior is neart nan dùirn
'S cha b' e 'n sùgradh tighinn nan còir;
'S on rinneadh dhuinn an cunntas
Gu onair, cliù is glòir,
Na dh'èirich fon a' Chrùn dhiubh
À Eilean cùbhr' a' Cheò.
Ma thèid mi dhuibh ga innseadh,
Cha mhearachd brìgh mo sgeòil,
Oir tha e air a sgrìobhadh
Dhan linn sa bheil sinn beò;
Bha còrr agus deich mìle
Fon Rìgh a ghabh an t-òr,
Gu onair 's dìon ar rìoghachd
À Eilean grinn a' Cheò.
Chan eil mi dol a dhìteadh
Aon tìr tha fo na neòil,
Ach 's nà darrach gun innisinn
Mun tìr san robh mi òg;
Measg nam pìobairean a b' fheà rr
A chuir gaoth am mà l gu ceòl -
Chaidh ceud is fichead à rach dhiubh
An Eilean à rd a' Cheò.
Cò nach tugadh gnùis
Agus cliù sna h-uile dòigh,
Do luchd nam breacan dùbh-ghorm,
Nan lùirichean 's nan sròl?
Oir cha robh leud a ghrunnd
Air a chunntas san Roinn Eòrp',
Thog uiread riamh a dhiùlnaich
Ri Eilean cùbhr' a' Cheò.
Cuir mo shoraidh bhà rr nan cuantan
Gu Eilean uaine a' Cheò,
Far am bi na fleasgaich uasal
A' ruagadh damh nan cròc;
'S na mnathan-taighe guanach
A' dèanamh uaill nan clò,
'S gur tric a ghabh mi duanag
Ga luadh anns a' Ghleann Mhòr.
Nuair thigeadh tùs an t-samhraidh
Cha ghanntar a bhiodh oirnn,
Bhiodh pailteas bìdh is annlain
Anns a' ghleann san robh na seòid;
Bhiodh gruagaichean air à irigh,
'S an crodh len à l mun chrò,
'S a' dèanamh ime 's cà ise
An Eilean à rd a' Cheò.
Nuair thigeadh tùs a' Mhà igh
Bhiodh gach iasgair 's rà mh na dhòrn,
'S na bà taichean nam mìltean
Ann an Loch Phort Rìgh fon seòl -
Dol suas gu bun Loch Aoineart,
'S gach sonn a' seinn a' cheòil
A rinn na bà ird bu shaoibhir
A bha 'm beanntanan a' Cheò.
Nuair thigeadh an Fhèill Mhà rtainn,
'S an sprèidh 's am bà rr air dòigh,
Na fir a' dèanamh cà innteig
'S na plà taichean nan tòrr;
Ri taobh na brìg bhuntà ta
Bhiodh baraill' là n de dh'fheòil -
Siud mar chaidh ar n-Ã rach
An Eilean à rd a' Cheò.
Is iomadh latha dìomhain
Gun chiall nuair bha mi òg,
A' bleoghan cruidh 's gam feurach
Ann an Eilean ciar a' Cheò;
Ach tha mi 'n-diugh cho cianail
Le bonn-a-sia nam dhòrn,
'S nach faigh mi ach an iargain
'S cha lìon e slige cnò.
Ach cò aig a bheil cluasan
No cridh' tha gluasad beò,
Nach seinneadh leam an duan seo
Mun truaigh' a thà inig oirnn?
Na mìltean a chaidh fhuadach
A' toirt uath' an cuid 's an còir,
A' smaointinn thar nan cuantan
Gu Eilean uain' a' Cheò.
Ach cuimhnichibh gur sluagh sibh
Is cumaibh suas ur còir -
Tha beairteas fo na cruachan
Fon d' fhuair sibh à rach òg;
Tha iarann agus gual ann,
Is luaidhe ghlas is òr,
'S tha mèinnean gu ur buannachd
An Eilean uaine a' Cheò.
Cuimhnichibh ur cruadal,
Is cumaibh suas ur sròl;
Gun tèid an roth mun cuairt dhuibh
Le neart is cruas nan dòrn;
Gum bi bhur crodh air bhuailtean
'S gach tuathanach air dòigh;
'S na Sasannaich air am fuadach
À Eilean uain' a' Cheò.
Nuair theannas mi ri smuaintean,
Gur tric mo ghruaidh fo dheòir,
A' cuimhneachadh nan uaislean
Dhan tug mi luaidh cho òg,
Chaidh thairis thar nan cuantan,
'S a tha nise fuar fon fhòid,
Bho Sgoirebreac nan stuadh
Far na thogadh suas na seòid.
Ach tiormaicheam mo ghruaidhean
Is taisgeam suas mo dheòir,
Bho thà inig earrach nuadh
'S gu bheil cuid a dh'uaislean beò;
Thall 's a-bhos mun cuairt dhomh
Gum faic mi snuadh an fheòir,
Meanglan 's badain luachrach
Bho Eilean uain' a' Cheò.
Canaibh leam an duan seo
'S le suaimhneas seinnibh ceòl,
Mun naidheachd nuadh a fhuair sinn
À Eilean uaine a' Cheò;
Gu Armadail nan stuadh,
Gun tug Raghnall gruagach òg,
Nighean còirnealair cho ainmeil
'S a tha 'n-diugh a' falbh an fheòir.
Ach cuimhnich do chuid tuatha
Is cùm do chluas rim feum,
'S bi thusa mar bu dual dhut
Dhan t-sluagh a tha fod sgèith;
'S on thug thu 'n fhìor bhean-uasal
À Crombagh ruadh an rèisg,
Biodh beannachd Dhè 's do shluaigh leat
Nad Eilean buadhmhor fhèin.
Ma shaoileas cuid gur dìomhain
Bhith snìomh leithid a ròp,
Bhon tha na stuic air crìonadh
Ann an Eilean ciar a' Cheò;
Ach fhad 's bhios grian san iarmailt
Bidh cuid de dh'iarmad beò,
De shliochd nan daoine diadhaidh,
'S bidh iad miadhmhor mar bu nòs.
Tha Clann Dòmhnaill le là imh-là idir,
Is gu h-à raidh Clann 'ic Leòid,
Is iomadh fine dhà icheil
Nach à icheadh dol san tòir;
'S on tha cuid dhiubh an là thair
Tha mo ghà irdeachas ro mhòr;
Is chuir Blackie onair à raidh
Air Eilean à rd a' Cheò.
Beannachd leibh, a chà irdean,
Anns gach ceà rn tha fo na neòil,
Gach mac is nighean mà thar
À Eilean à rd a' Cheò;
Is cuimhnichidh sibh MÃ iri,
Nuair bhios i cnà mh fon fhòid -
'S e na dh'fhuiling mi de thà mailt
A thug mo bhà rdachd beò.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Tha fiosrachadh mu Mhà iri agus a bà rdachd ri fhaotainn san leabhar Mà iri Mhòr nan Òran, deasaichte le Dòmhnall Eachann Meek (Comann Litreachas Gà idhlig an h-Alba, 1998)

Rugadh Catrìona Anna, no Cathaidh Ann mar as fheà rr a dh'aithnichear i, ann am Barraigh ann an 1959, a' fuireach dlùth do sheinneadairean mar Nan ...
Fiosrachadh air Catrìona Anna Nic A' Phì / Learn more about Catrìona Anna Nic A' Phì
'S ann às an Eilean Sgitheanach a tha Kathleen Ghreumach agus thogadh i ann an teaghlach a bha air leth fiosrach mu dhualchas na Gà idhlig ...
Fiosrachadh air Kathleen Ghreumach / Learn more about Kathleen GhreumachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.