Òran air a sgrìobhadh le: Iain Eà irdsidh MacAsgaill agus air a sheinn le: Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill.
This is a song written by: Iain Eà irdsidh MacAsgaill and sung by: Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill.
'S gur bòidheach a' ghruagach 's a gruaidh mar an ròs
'S i à illeagan guailleadh 's mil bhuannachd nam pòg;
'S i aoigheil is uailleach is uasal is còir,
Gun sgeilme 's gun tuaileas 's gun ghruaman 's gun ghò.
Tha 'n t-seann bhliadhn' air dùnadh 's bliadhn' ùr air tighinn òirnn,
'S mi 'n dùthaich nan ùbhla 's ann an cùl baile mhòir;
'S mi cuimhneachadh rùnach air sùgraidh mun Òis,
Ri tìr eilean Bheà rnaraigh a dh'à raich mi òg.
Sud talamh na h-à illteachd 's chan à icheidh mi mòd
A bhuilich air nà dar cho lan de gach seòrs;
'S e fearann nan à rmann 's à ite nan seòid
Tha subailte là idir am bà ta fo sheòl.
'S gu sònraichte nad là thair buntà ta agus eòrn'
'S an seagal tha fàs bhon Mhaoil Bhà in chun a' Rògh
'S an coirce 's na geà rraidh crith sà mhach nan dlò
'S bruaichean murain mar dhath-sneachd tha cnà mhaich gun stòl.
'S an lethcheann tha tuath dheth gu cruaidh garbhlach bòrd
Bho Chùlaibh na Buaile is a-nuas chun na Cròic;
'S marcair a' chuain a' tighinn gruamach na chòmh'r,
'S a' tilgeadh tuinn uamhalta suas chun an fheòir.
Gum b' eòlach mi uair ann 's mi a' buachailleachd bhò
'S mi aotrom is luath gun chòta-uachdair no bròg;
'S gu tric air bheag ualllaich 's gun ghruaim fo na
neòil,
'S nam shìneadh gu suaimhneach ri bruaichean fo
chleòc.
Tha machair an iar dheth fo fhìor-mhaise phòr,
Tha brùchdadh à cìochan as ciaraichte snòdh;
'S air uchd bhealaich chiataich gur lìonmhor na h-eòin
Ag itealaich shìos far an sìothlaidh na Lòin.
'S tha aghaidh ri grian-gheal 's am fianais Tìr-mòr,
'S Uibhist an iar air a' ciaradh fo cheò;
'S a Chùl ris an iar-thuath gun dìon fo na neòil,
Ach Pabaidh nam fiadh, eilean fiadhaich nam bòc.
Bho Chùl na Beinne Gainmhich gu Àiteach MhicLeòid
'S bho Chùl taigh Mhic Àidh gu bà gh Pholl an Oir,
'S gob dubh Rubh' na h-Aìrde gu Crà iginis mhòr
'S a-null chun a' Chà rnain gur ait' leat gach òb.
Nuair dhìreas tu 'n à ird air gu bà rr Beinn a' Ghòis
Gu faic thu Dùn Àrain a' deà rrsadh fo sgòth,
'S Beinn dhorch' Bhà gh a' Chà ise 's an t-sà mhchair fo sròn,
'S an Gnìopa dubh cà rnach fo à rd-doras mòr.
'S air fuaradh Trà igh Bhà laidh gun amhairc thu nas mò
Air Hiort chorrach à rd, à ite fà sach gun slòigh,
'S air Haisgeir tha là mh ris fo gà ireach geal-chòp,
Air a' ghaisein an à ird far an tà mh air na ròin.
Chan fhaca mi riamh ann fon iarmailt nas bòidhch'
Na 'n t-eilean beag sgiamhach bhon d' thriall mi ro òg;
Air m' fhacal bu mhiann leam 's b' e m' iarrtas mo cheòl
Bhith 'g imeachd bhà rr sliabh ann 's a' ghrian a' dol fòdh'.
'S gur toigh leam gach lian deth 's gach fireach 's gach lò-uisg
A dh' aomas a chiatach thog fianais 's gach dòigh;
Bha Calum 'gan snìomh dhuinn le giarad a bheòil
'S rinn Eachann ro-bhrèagha iad ga smiaradh mar òr

Rugadh Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill ann an Caolas Scalpaidh anns na Hearadh, ann an 1957, mac Peter Dan Dhòmhnaill Uilleim à Caolas Scalpaigh agus Anna NicDhonnchaidh ...
Fiosrachadh air Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill / Learn more about Dòmhnall Rodaidh MacAsgaillCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.