
Rugadh Dòmhnall Rodaidh MacAsgaill ann an Caolas Scalpaidh anns na Hearadh, ann an 1957, mac Peter Dan Dhòmhnaill Uilleim à Caolas Scalpaigh agus Anna NicDhonnchaidh à Arcaibh. Bha còignear anns an teaghlach, triùir bhalach agus dithis nighean.
Chaidh Dòmhnall do Sgoil Sir E. Scott, air an Tairbeart agus nuair a dh'fhà g e an sgoil chaidh e do Cholaiste Inbhir Nis airson òstaireachd ionnsachadh. Bha e ag ionnsachadh obair chef agus bha e greisean ann an taighean-òsta ann an Inbhir Nis, Steòrnabhagh agus Ulapul.
Cha robh an obair a' còrdadh ris agus ann an 1979 thòisich e ri postaireachd ann an Inbhir Pheofharain agus Srath Pheofharain.
Ann an 1983 phòs e Iona Urquhart, aig an robh ceangal ri Geà rrloch agus am Blà r Dubh, agus bha dithis nighean aca, Eilidh agus Raonaid. Chaochail Iona ann an 1989 agus dh'fhà g Dòmhnall obair airson coimhead às dèidh an teaghlach.
Ann an 1983 bha pà irt aig Dòmhnall anns a' phrògram, The Last Post Run a rinn Sianal 4 mar phà irt dhen t-sreath People to People. Bha am prògram mu dheidhinn post, Iain MacCoinnich, a bha frithealadh sgìre fharsaing eadar Inbhir Pheofharain agus Poll Iù, còrr air trì fichead mìle a bh' aige ri choiseachd. 'S e pà irt MhicCoinnich a bh' aig Dòmhnall anns a' phrògram.
B' ann an Inbhir Pheofharain a ghabh Dòmhnall ùidh ann an seinn. Bha nà baidh aige, Alasdair Mac Ille Bhrà th, glè thric na fhear-an-taighe aig cèilidhean ann an Talla a' Bhaile agus bha esan ga phiobrachadh gu seinn. Ann an 1991 choisinn Dòmhnall am Bonn Òr airson seinn san t-Seann Nòs aig Mòd Inbhir Pheofharain.
Ann an 1993 phòs Dòmhnall agus Una NicDhòmhnaill, nighean Dhòmhnaill a' Bhrot, à Gabhsann, Leòdhas. Bha Dòmhnall ag obair ann an Talla Coimhearsnachd Inbhir Pheofharain fad còig bliadhna deug agus ann an 2007 chaidh a thaghadh mar shà r neach-obrach na bliadhna ann an Roinn na Gà idhealtachd. Tha e na oifigear comhairle anns a' bhaile an-diugh.
Chaidh Dòmhnall iompachadh anns an 2000 agus bidh e a' cur a-mach na loidhne ann an Eaglais Shaor Urraith is Srath Chonain, far a bheil e na èildear. Tha e cuideachd air sailm is laoidhean a chlà radh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.