Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacGriogair (Lieutenant Colonel) agus air a sheinn le: Ailean MacIllEathain agus Mà iri Nic a' Ghobhainn.
This is a song written by: Iain MacGriogair (Lieutenant Colonel) and sung by: Ailean MacIllEathain and MÃ iri Nic a' Ghobhainn.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Eilean Leòdhais, gur fada thriall mi
Bho d' bheanntan à rd, ach cha d' rinn mi d'
dhiochuimhn';
Ged tha na h-Innseachan clìth gam chrìonadh
Cha trèig mi chaoidh thu ged chlaoidh a' ghrian mi.
An t-eilean buadhach san d'fhuair mi m' Ã rach
Thug mise spèis dhut nach trèig gu brà th mi,
Tha tuinn a' chuain ri cuir bhuainn an trà th seo
Ach nì mi 'n dìreadh gu tìr nan à rmunn.
Cha toir mi luaidh air gach buaidh a dh'fhàs ri
Do fhleasgaich shuairce 's do ghruagaich à lainn
Nam bithinn gleusta chan fhaod mi à icheadh
Nach seinninn rainn 's chuirinn loinn thar cà ch orr'.
Ach chur an Leòdach an t-òigear ciatach
An cliù 's am mòrachd an òrdugh rianail,
B' e fhèin am fiùran air cùl pean-iarainn
Gu tìr a dhùthcha s a cliù chuir sìos leis.
Ma chì thu 'n t-òlach, cuir eòlas dà n air
Is faic an cuimhne leis oidhchean à raid,
Bha sinn le chèil' – ach chan fheuch mi cà ite,
Ri mir' is sùgradh 's ri smùideadh Gà idhlig.
B' e siud am fonn thogadh sunnd air m' inntinn,
Nuair bha mi crìon b' e mo mhiann a chluinntinn,
'S bho dh'fhàs mi suas chan e fuath a chinn rium
'S cha chinn gu sìorraidh gum bliath a chill mi.
Oir leam ro bhinn tha guth-cinn mo shinnsear
Na dèan-s' a dearmad, oir dhearbhainn fhèin dhut
Gur i a' chà nan a bha 'n Gà rradh Eden
'S gur e thuirt Àdhamh "Mo ghrà dh" ri Eubha.
'S e rinn mo leònadh 's le bròn mo chà radh,
An là ithean m' òige nach beò na cà irdean,
Bha rium-sa caomh 's mi ro mhaoth nam phà isde
'S thug dhomh gaol, 's nach do thraoth gu bàs e.
Mo rùn an triùir dh'fhà g mi brùite, cianail,
Am measg nam brà ithrean cha d'fhàs cho ciatach,
Tha aon san ùir aca, 's cuid 's an lìonadh,
'S e shil mo shùil bhi le tùrs' gan iargain.
Ro gheà rr nan dèidh-san gun dh' eug gach pà rant,
Le cridhe brist' 's air am misneachd fhà gail,
Oir taobh ri taobh tha mo chaoimh an cà radh,
'S tha m' aigne trom leis cho lom 's a dh'fhas mi.

'S e Ailean a' Mhiseanaraidh a chanadh iad ri Ailean MacIllEathain (1890-1982) ann a' Siabost, am baile anns do dh'fhàs e suas. Ach cha b' ...
Fiosrachadh air Ailean MacIllEathain / Learn more about Ailean MacIllEathain
Rugadh is thogadh Mà iri Nic a' Ghobhainn ann an Dail bho Thuath, Leòdhas, ann an dachaigh far an robh seinn na rud cho nà darrach ri ...
Fiosrachadh air Mà iri Nic a' Ghobhainn / Learn more about Mà iri Nic a' GhobhainnCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.