Òran air a sgrìobhadh le: teà rlach wesley agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn.
This is a song written by: teà rlach wesley and sung by: Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn.
Èist san iarmailt òran binn:
Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh;
Sìth air thalamh 's tròcair shèimh,
Dia is daoine rèidh ri chèil'.
Dùisgibh suas, a shluaigh, gu lèir,
'S freagraibh caithream buaidh nan speur;
Togadh talamh 's Nèamh an guth:
Rugadh Iosa Crìosd an-diugh.
Èist san iarmailt òran binn:
Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh.
Crìosd, dhan toir na Nèamhan cliù,
Crìosda, Tighearna mòr nan Dùl –
Seall e tighinn aig crìoch nan linn,
Mac na h-Òigh 's e bà idheil rinn.
Seall an diadhachd anns an fheòil,
Sgà il na daonnachd air a ghlòir:
Ghabh e tlachd an comann dhaoin',
Iosa, ar Imanuel caomh.
Èist san iarmailt òran binn:
Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh.
Fà ilt do Phrionns' na sìth on à ird!
Fà ilt do sholas Grian an à igh!
Bheir e beatha do gach aon,
Slà int' fo sgèith do chlann nan daoin';
Chuir e uaith' a ghlòir le grà dh
Gus ar dìon bho chumhachd bà is;
Togar leis-san daoine suas,
'S nì e iad nan gineal nuadh.
Èist san iarmailt òran binn:
Glòir gun chrìch do Rìgh nan Rìgh.
Eadar-theangaiche: Gilleasbaig MacDhòmhnaill

Chaidh Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn a stèidheachadh an Glaschu ann an 1929 agus tha e coltach gun do nochd còrr air ceud duine a' chiad ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn / Learn more about Còisir Ghà idhlig Bhaile GhobhainnCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.