
Chaidh Còisir Ghà idhlig Bhaile Ghobhainn a stèidheachadh an Glaschu ann an 1929 agus tha e coltach gun do nochd còrr air ceud duine a' chiad oidhche a choinnich iad. Bha sluagh mòr Gà idhealach a' fuireach sa bhaile aig an à m, gu h-à raidh ann an sgìrean leithid Baile Ghobhainn agus Partaig.
Bha dithis gu h-à raidh ag obair gus còisir a steidheachadh agus b' iadsan Dòmhnall MacCalum agus Niall MacIllEathain, a choisinn Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich aig Mòd Ghlaschu ann an 1921.
B' e Raibeart MacCaluim a' chiad stiùiriche a bh' air a' chòisir agus nuair a chaochail esan gu tubaisteach, ann an 1934, ghabh Pat Sandeman à ite. Lean Pat as an dreuchd airson timcheall air dà fhichead bliadhna.
Chaidh an còisir gu Mòd Nà iseanta airson a' chiad uair ann an 1932, dhan Ghearastan, agus an ath bhliadhna a-rithist bha iad san dara à ite ann am prìomh fharpais nan còisirean.
Ach b' fheudar dhaibh feitheamh gu Mòd an Òbain ann an 1962 airson Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhà rdain a ghlèidheadh airson a' chiad uair agus choisinn iad i a-rithist ann an 1972 agus 1973.
B' e Coisir Bhaile Ghobhainn a' chiad chòisir Gà idhlig a chaidh chun an Fhèis Pan-Ceilteach ann an Èirinn, ann an 1973, agus ghlèidh iad an dara à ite ann am farpais nan còisirean. Thill iad an ath bhliadhna a-rithist agus thug iad dhachaigh a' phrìomh dhuais, a' chiad chòisir Albannach a ghlèidh an fharpais.
Tha iad air nochdadh air iomadh prògram telebhisean, mu dheireadh air Alleluia! air Âé¶¹Éç ALBA. Aig deireadh nan trì ficheadan choisinn iad mòr chliù dhaibh pèin nuair a choisinn iad farpais telebhisean, Top Choir, as an robh na prìomh chòisirean Gà idhlig a' farpais an aghaidh a chèile feuch cò gheibheadh an à ireamh as motha de bhòtaichean bhon luchd-amhairc.
Nuair a leig Sandy Sinclair dheth dreuchd an stiùiriche ann an 2009, an dèidh deich bliadhna san obair, ghabh Dòmhnall Feist, a tha fhathast na oileanach ann an Acadamaidh Rìoghail Ceòl is Drà ma na h-Alba - an RSAMD - Còisir Bhaile Ghobhainn os là imh. Tha Dòmhnall na sheinneadair agus na neach-ciùil aig a bheil dlùth cheangal ri Ìle. 'S i Marion Craig, a bhuineas do na Hearadh, a tha toirt taic le Gà idhlig.
'S iomadh duine ainmeil a tha air a bhith an lùib a' chòisir. Bha an t-Urramach Tòmas MacCalmain a' cumail Gà idhlig riutha agus na Cheann-suidhe orra fad dà fhichead bliadhna. Tha Bonn Òr a' Chomuinn Ghà idhealaich aig ceathrar bhall aig an à m seo. 'S iadsan Calum Ros (1968), Mà iri NicArtair (1965), Sheena Walker (1983) agus Alasdair MacCoinnich (1969).
Tha sinn gu mòr an comain Mhà iri NicChoinnich, Ceann-suidhe a' chòisir airson cuideachadh leis an fhiosrachadh seo.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.