Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) agus air a sheinn le: calum ceanadach, Alasdair Dòmhnallach agus Calum Ceanadach.
This is a song written by: Ruaraidh Caimbeul (Ròidseag) and sung by: calum ceanadach, Alasdair Dòmhnallach and Calum Ceanadach.
An à m bhith fà gail Ghlaschu air madainn mhoich Dimà irt
Bha m' inntinn trom fo airtneal 's mi cho fad bho thìr mo ghrà idh,
A' fà gail mo luchd-eòlais anns a' bhaile mhòr a' tà mh
Na deòir nan sruth om shùilean 's mi cur cùlaibh ri mo ghrà idh.
Chan iongnadh ged bhiodh cianalas am-bliadhna orm is gruaim
Tha falt mo chinn air liathadh, 's chan eil ial dheth a bhios buan,
Is ged nach eil mi aosta thà inig caochladh air mo shnuadh
On dh'fhà g mi an t-eilean à lainn, Uibhist à rda nam beann fuar.
'S e Uibhist tìr as bòidhche leam tha 'n-diugh fo neòil nan speur
Gur tric a shnà mh an ceò air a' Bheinn Mhòir 's mu Sgor an Fhèidh
'S a-staigh gu gualainn Mhaireabhal, far 'n minig 'n do thà mh an sprèidh
'S bu tric a thug mi ruaig ann 's b' e mo luaidh bhith às an dèidh.
Ach, b' fheudar Uibhist fhà gail 's tighinn a thà mh am measg nan Gall
'S e dh'fhag a-nochd sa bhà ta mi 's i mach air bhà rr nan tonn
An fhairge 's i na smùid agus an stiùir agam nam là imh
'S a cùrsa o Cheann Èirinn leinn gu Buenos Aires thall.
Nuair thèid mi chun na cuibhle, nuair bhios an oidhche fuar,
Gur tric a bhios nam inntinn-sa 'n aon nì don tug mi luaidh
Bu mhath dhomh bhith nam chìobair seach bhith mach fo bhinn nan stuadh
Gu faighinn cadal socair dh'aindeoin osnaichean a' chuain.
Ach tha gillean gasta innte cho math 's a dh'fhà g an tìr
Tha Dòmhnall ann is Alasdair, tha Cailean ann 's mi fhìn
An Uibhist nam beann à rda 's ann a dh'à raicheadh na suinn
'S gun cluinnte fuaim na Gà idhlig 's iad gu h-à rd air bhà rr a' chruinn.
Ach sguiridh mi den dà n seo, chan eil mo chà ileachd ann,
Chan eil mi na mo bhà rd, cha deach na tà lantan nam cheann
Mas e gu bheil e 'n dà n dhomh tilleadh sà bhailt innte nall
Gun gabh mi bà t' na smùide 's thèid mi null gu Tìr nam Beann.

Rugadh Calum Ceanadach air 2 Ògmhios 1928, ann an Orasaigh, ann an ceann a deas Sgìre nan Loch, ann an Leòdhas. B' e Murchadh Ceanadach ...
Fiosrachadh air Calum Ceanadach / Learn more about Calum CeanadachRugadh Alasdair Dòmhnallach, Alasdair Mòr Chatrìona Ailein Chòcaire, ann a' Staoinebrig air 7 Ògmhios, 1929. Bha cuideachd a mhà thair nan còcairean aig Clann 'ic Ailein ...
Fiosrachadh air Alasdair Dòmhnallach / Learn more about Alasdair DòmhnallachCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.