Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Friseal agus air a sheinn le: Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu agus dòmhnall a. macFhionghain.
This is a song written by: Dòmhnall Friseal and sung by: Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu and dòmhnall a. macFhionghain.
Air mo hiùraibh a gheallaidh tha mi 'n dùil ri dhol thairis
Gu tìr a chruidh-bhainne san fheòir,
Gu frith nan damh ruadha 's nan aighean gun bhuachaill'
Far an tric thug mi ruaig air an tòir.
Cha b' e iasgach na h-aibhne air ìosal nan srathan
An nì sin a chleachd mi 's mi òg,
Ach bhith dìreadh nan stuc le mo ghunna nach diùltadh
Far an goir an t-eun fionn anns a' cheò.
'S a Mhòrag nigh'n Fhionnlaigh 's beag an t-ìongnadh dhomh d' ionndrainn
'S tric a dh'fhalbh mi leat sunndach gu leòr,
'S a rinn thu dhomh 'n t-eallach gu moch thrath sa mhadainn
'S b' e 'n t' à m dhomh bhith cadal trà th-nòin.
Ged thigeadh an gaillean le sian agus frasan
Gheibhinn dìon agus fasgadh gu leòr,
Ann an uaimhe gan loinneil ann am fà sach is doire
Far an tric chuir mi ruaig air fear cròic.
Chaidh Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gà idhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna ...
Fiosrachadh air Còisir Ghà idhlig ÃŒleach Ghlaschu / Learn more about Còisir Ghà idhlig ÃŒleach GhlaschuCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.