Chaidh Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu, tè de phrìomh chòisirean na Gà idhlig, a stèidheachadh anns a' bhliadhna 1944.
Bhuannaich iad Sgiath MhicShimidh agus Mhorair Thulaich Bhà rdain, prìomh dhuais nan còisirean, airson a' chiad uair aig Mòd Pheairt ann an 1963 agus on uair sin tha iad air a ghlèidheadh co-dhiù naoi tursan agus, thairis nam bliadhna bhon uair sin, tha iad air a bhith am measg nam prìomh chòisirean Gà idhlig.
Thairis nam bliadhnaichean tha iad air a bhith air an stiùireadh le Eòin Miller, le Seumas Caimbeul, agus le Sheila Nicholl, ach aig an à m seo 's i Kirsteen Ghrannd, a choisinn Bonn Òr a' Chomuinn aig Mòd Obar Dheathain ann an 1964, a tha air a bhith aig an stiùir bho 1991.
Tha coisir òigridh aca, a chaidh a stèidheachadh ann an 1969 le Iain MacThòmais, a tha air leth soirbheachail agus tha iomadh ball den dà chòisir air buaidh a thoirt aig gach ìre aig farpaisean a' Mhòid, co-dhiù tha iad a' seinn leotha fhèin no ann an cà raidean, no am buidhnean beaga.
Tha Còisir Ghà idhlig Ìleach Ghlaschu air a bhith seinn air Mòd Vancouver ann an Canada, aig an Fhèis Pan-Ceilteach ann an Èirinn agus aig an Eisteddfod as a' Chuimrigh a bharrachd air Mòdan agus Fèisean air feadh Alba.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.