Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllFhinnein (Bà rd Inbhir Àsdal) agus air a sheinn le: Eachann MacCoinnich.
This is a song written by: Iain MacIllFhinnein (Bà rd Inbhir Àsdal) and sung by: Eachann MacCoinnich.
O gabhaidh sinn am bà ta tha seòladh thar an t-sà ile,
O gabhaidh sinn am bà ta mòr à lainn;
Thà inig deireadh air ar cuairt 's thèid sinn dhachaidh thar a' chuain
Fhuair sinn slà int' is spionnadh nuadh ann an Geà rrloch.
Fhuair sinn fà ilte bhon an t-sluagh air an robh sinn eòlach uair,
Tha iad uile fhathast uasal nan nà dar;
Chan eil cinneach fon a' ghrèin tha cho cà irdeil riutha fhèin,
'S iad a' cuideachadh a chèile mar b' à bhaist.
Thoir mo bheannachd do na beanntan, 's mo bheannachd do na glinn,
Mìle beannachd bidh mi seinn dhaibh 's gach à ite;
Gach eas is coire 's maol, achadh, machair agus raon,
Caoil is lochan agus aonaichean à rda.
Gu robh beannachdan Mhic Dhè ga bhur leantainn anns gach ceum
Gus an ruig sibh ceann bhur rèis taobh thall Iòrdan;
Gus an coinnich sinn a-rithist ann a' lùchairt an Àrd Rìgh
Gu robh Slà naighear gu dìreach gar seòladh.
O gabhaidh sinn am bà ta tha seòladh thar an t-sà ile,
O gabhaidh sinn am bà ta mòr à lainn;
Thà inig deireadh air ar cuairt 's thèid sinn dhachaidh thar a' chuain
Fhuair sinn slà int' is spionnadh nuadh ann an Geà rrloch.

Rugadh Eachann MacCoinnich, Eachann Thormoid Mhòir, air 11 Mà irt 1926 ann an Geà rrloch. Bhuineadh a mhà thair, Ceit Nic a' Phearsain do na h-Obanan, ann an ...
Fiosrachadh air Eachann MacCoinnich / Learn more about Eachann MacCoinnichCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.