Rugadh Iain MacIllFhinnein, Iain Dubh mac Dhòmhnaill 'ic Iain, uaireigin anns an dà rna leth dhen naoidheamh linn deug, ann an Inbhir Àsdal air taobh a Deas Loch Iù.
Chaidh e gu ruige Astrà ilia ann an 1884, 's e na ghille òg. Fhuair e fà ilte agus dachaigh faisg air Brisbane, ann an taigh piuthar a mhà thar, Anna Bheag, agus an duine aice, Ruaraidh MacLeòid à Geà rrloch.
Taobh a-staigh mìos fhuair e obair, fo stiùireadh fear Calum MacPhà rlain, faisg gu leòr airson a bhith tilleadh gu Anna Bheag air na deireadh sheachdainean. Tron t-seachdain bhiodh e a' fuireach ann an taigh MhicPhà rlain:
Nuair rà inig mi 'n à ros bha 'n fhà rdach air dòigh
Bha leabaidh ghlan bhlà th le brat sgà il ann an còis;
Bha biadh de gach gnà th ann, 's deoch là idir gach seòrs
'S bean Chaluim gu là mhach ga cà radh air bòrd.
An ceann ùine chaidh Iain gu Brisbane far an d' fhuair e eòlas air teaghlach Leòdhasach aig am biodh e tric air an deireadh seachdain. Anns an taigh seo choinnich e ri bhean, Ciorstaidh Ruadh Ruaraidh Uilleim, i fhèin à Inbhir Àsdal, a bha air mhuinntireas ann an taigh mòr faisg air far an robh e ag obair.
Cha do dhìochuimhnich e riamh an dùthaich a dh'fhà g e. Ann an 'Òran Fèin Riaghlaidh' sgrìobh e:
FÃ ilte don chinneach uasal
Dom bu dualach a bhith treun;
Nuair a nì na Gà idheil gluasad
Bheir iad buaidh 's na h-uile ceum;
FÃ ilte air feadh na GÃ idhealtachd,
Fà ilte do mo dhùthaich fhèin,
An fhà ilte chuirinn thar nan cuantan -
Soraidh bhuam do thìr nan geug.
Rachadh sibh gualainn ri gualainn
'S bheir sibh buaidh air luchd an fhèidh;
Cuiridh sibh na towrists dhachaidh
'S gheibh sibh na srathan dhuibh fhèin;
Cumaibh-se mun cuairt a' chuibhle
Leis na puingean agaibh fhèin,
'S bheir sibh a' phà rlamaid à Sasainn
'S gheibh sibh laghan ceart a rèisd.
Gheibh sibh a-rithist air ais na frìthean
A bha aig bhur sinnsir fhèin,
'S thèid gach fear a-mach le ghunna
'S cha bhith cunnart dha no beud.
Gheibh na Gà idheil mar bu chòir dhaibh
Cothrom sealg air cròic an fhèidh,
'S marbhaidh iad bradan is ruadh chearc
'S cha chuir uachdaran orr' èis.
Bha Iain 40 bliadhna ann an Astrà ilia mus d' fhuair e cothrom tilleadh a dh'Alba. Mar a chuir e fhèin e:
Tha faradh cho daor, 's mi caol san sporran
'S gu feumar fuireach air fògradh.
Thill e fhèin agus Ciorstaidh Ruadh ann an 1924. Mar a dh'innis Ailig MacRath air prògram Gà idhlig a' BhBC air 9/06/1978:
"Tha cuimhn' agam air Iain Dubh agus a bhean tadhal air m' athair 's mo mhà thar airson latha no dhà a chuir seachad còmhla rinn ann am Bad a' Chrò. Bha e cà irdeach dhomh fhìn bhon 's e mac brà thair mo sheanmhar a theirinn ris. Nise, tha muinntir Bad a' Chrò air taobh eile an loch bhon eaglais agus is ann le bà taichean a b' à bhaist dhaibh an taigh-adhraidh a ruighinn.
Air an t-Sà baid à raidh a bha Iain còmhla rinn bha gach neach gu math trà th air an sgeadachadh ann an aodach Sà baid agus na bà taichean air an ullachadh mar a b' à bhaist. Bha a' muir-là n a-staigh agus fhuair iad air bòrd a' bhata gun èis sam bith, agus mar an ceudna fhuair iad air tìr gu socrach aig cidhe Cheann an t-Sà il.
Ach an uair a bha iad a' tighinn dhachaigh bha am muir a-mach agus bha ùrlar a' chidhe cho à rd anns an uisge 's nach b' urrainn iad faighinn air bòrd. Agus b' fheudar dhaibh snà igeadh air an glùinean am measg chlachan mòra sleamhainn air an còmhdach le feamainn, agus b' iongantach nach robh cuid aca air am bà thadh.
Bha cuisean beagan na b' fheà rr ann am Bad a' Chrò oir bha creag chòmhnard ann air an d' fhuair iad air tìr. Air madainn Diluain, man d' fhà g Iain Bad a' Chrò, chuir e ri chèile na rainn a leanas:
Bha mi 'm Bad a' Chrò, à ite bòidheach crannach,
'S ann tha sluagh is fialaidh bha riamh air thalamh;
Chì thu an Tà illear Crùbach le aodann geanail
A' còmhradh gu beulach ri Mòr NicCaluim.
Chan eil biadh a dh'fhà sas an à it' air thalamh
Nach fhaigh thu gach gnà th dhiubh bho bhean an taighe;
Ìm is gruth is cà ise, is buntà ta is sgadan,
'S thèid feòil nam molt 's nam fiadh thoirt gu fialaidh seachad.
Nuair a thig an t-Sà baid le sà mhchair bheannaicht'
Thèid an sluagh nan tà mh bho gach ceà ird is ceannachd;
Bidh gach sean is òg an taigh-adhraidh a' Chlachain
'S fear togail fonn nan salm a' seinn nan ceann le caithreim.
Bha mi 'n-dè san t-searman taobh thall na mara,
'S gu dearbh chan fheumadh cearb a bhith air mo chasan;
Dol air bòrd a' bhata measg chreag is chlachan
Cha mhòr nach deach mo bhà thadh mun d' fhuair mi dhachaidh.
Fhuair mi mòran à bhachd measg sluagh a' bhaile;
Dh'fharraid iad mo shlà int' gu cà irdeil, duineil;
Labhair iad gu bà idheil an Gà idhlig fhallain,
'S dh'fhalbh mi moch Diluain air mo chuairt gu geanail."
Rinn e Gabhaidh Sinn Am Bà ta air fonn 'Loch Lomond' air a' bhà ta a' dol air ais a dh'Astrà ilia.
Thill Iain a sgìre Gheà rrloch aon uair eile, ann an 1935. Chaochail e mu à m a' chogaidh agus chaidh leabhran beag le chuid òrain Duanagan agus Sgeulachdan Beaga fhoillseachadh le Alasdair MacLabhrainn ann an Ghlaschu an 1937. Chaidh leabhran eile, My Two Trips to Scotland: In Song and Story fhoillseachadh am Brisbane.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.