Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Seonaidh Williams.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Seonaidh Williams.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,
Gun chrodh-laoigh, 's gun chaoraich agam;
Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,
Gheibh mi fhathast òigear grinn.
Beir mo shoraidh-s' null far sà ile
Null gu tìr nam beanntan à lainn,
Far an d' fhuair mi mòran à rach
Air an à irigh anns na glinn.
Far a bheil an ceòl 's am mà nran
Aig an òigridh chridheil, ghà ireach;
Far an cluinn sinn òrain Ghà idhlig
Far a bheil an à rmainn cruinn.
Far a bheil na brà ithrean bà igheil
Bheir iad biadh is deoch don phà iteach;
Far bheil bodaich gasta, là idir,
Nach eil fà ilinneach no tinn.
'S fhir ud a dhìreas am bealach
Giùlain bhuamsa mìle beannachd;
Faodaidh tu innse dham leannan
Gu bheil mi laighe leam fhìn.
'S fhir ud a shiùbhlas na cuaintean
Their mo shoraidh null ma Shuainear'
Dh'ionnsaigh òigear a' chùl dualaich
Ged nach d' fhuair mi e dhomh fhìn.
Gura h-e mo ghaol-s' an duilleach
A sheòl fairis 'ro Chaol Muile;
Dh'aindeoin na dh'fhalbh no na dh'fhuirich
Chì mi thu man cur thu snaim.
Gura h-e mo ghaol an t-òigear
Dh'fhà g siud mise tùrsach, brònach;
Gur e chuir mi nam laigh am ònar
Thu bhith a' giùlain còta 'n Rìgh.
'S gura mise bh' air mo lèireadh
Seòmar mullaich fuaigheal lèintean;
Chaidh mo leannan a Dhùn Èideann
'S nach dèan feum dhomh bhith ga chaoidh.
'S gura mise tha fo mhulad
Nam shuidhe san t-seòmar mullaich;
Leannan a bha agam an-uiridh
Gur ann an-diugh rium cùl a chinn.
Ged tha mi gun chrodh, gun chaoraich
'S gun ghin agam ris an t-saoghal;
Bha mi raoir am measg mo dhaoine
Far am faigh na saoir na pinnt.
Ged tha mi gun chrodh air bhuailidh
Freasdal bainne na bà ruaidhe;
Chì thu fhathast air mo chluasaig
Òigear uasal do Chlann Nìll.
Cha tèid mise dh' ionns' na fà idh siud
Cha dèan na gillean siud m' fhaighneachd;
Chan iarr iad mi gu à it' na maighdinn
'S chan eil faighneachd air do laoigh.
Far a bheil na stuaghan ceòthail
Far a faicear fraoch sa mhòinteach,
Far an cluinn sinn guth a' smeòraich
Far bheil crònan aig na h-uillt.
Far an robh an crodh 's na daoine
Gu bheil e nist air tighinn fo chaoraich;
Tha na GÃ idheil air an sgaoileadh
Air gach taobh air bheagan suim.
Gu bheil a' chuibhle nis air tionndadh
'S gu faic sinne cor na dùthcha;
Gun tig na h-uachdarain a sgiùrsadh
Mar a cùm iad cothrom rinn.
Anns an leabhar An t-Òranaiche a chaidh a dheasachadh le Gilleasbaig Mac na Ceà rdaich agus fhoillseachadh ann an dà phà irt an toiseach ann an 1876, agus an sin ann an 1879 na aon leabhar, tha na facail a leanas cuideachd ga dhèanamh soilleir gur ann do shaighdeir a chaidh an t-òran a dhèanamh. Chan eil fhios an ann mar thoradh air na fuadaichean a chaidh e don arm ach tha e coltach, gu h-à raidh bho na facail a tha Seonaidh Williams a' seinn, gur ann mu à m na fuadaichean a chaidh ann t-òran a dhèanamh.
Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,
Gun chrodh-laoigh, gun chaoraich agam;
Ged tha mi gun chrodh, gun aighean,
Gheibh mi fhathast òigear grinn.
Fhir a dh'imicheas thar chuantan,
Giùlan mìle beannachd uamsa
Dh'ionnsaidh òigear a' chùil dualaich,
Ged nach d' fhuair mi e dhomh fhìn.
Fhleasgaich thà inig nall à Suaineart
Bu tu fhèin an sà r dhuin' uasal;
Gheibhinn cadal leat gun chluasaig
Air cho fuar 's gum biodh an oidhch'.
Ged nach eil mo sprèidh air lòintean,
Mo chrodh no mo chaoraich bhòidheach,
Bheirinn tochar dhut an òrdugh,
Cho math ri tè òg san tìr.
Ged tha mi gun chrodh, gun chaoraich,
Chan eil mi gun mhaise 'm aodann;
Dh'fhighinn breacan a bhiodh caol dhut,
'S dhèanainn aodach a bhiodh grinn.
NÃ ile 's mise tha fo mhulad
Is mi tà mh san t-seòmar mhullaich;
An leannan bh' agamsa an-uiridh
'S ann tha 'n-diugh rium cùl a chinn.
Nà ile 's mise th' air mo leònadh
Mu òigear a' chùil bhachlaich, bhòidhich;
Gur e siud an sgeul a leòn mi
Thu bhith giùlan còt' an Rìgh.
NÃ ile 's mis' tha dubhach deurach,
'N seòmar à rd a' fuaigheal lèine;
Chaidh mo leannan gu Jamaica,
'S ciod am feum dhomh bhith ga chaoidh.
'S ann à Crìochan Brà igh na h-Aibhne an Siorrachd Inbhir Nis an Eilean Cheap Breatainn a bha Seonaidh Williams, Seonaidh Aonghais Bhig. Bha e aithnichte ...
Fiosrachadh air Seonaidh Williams / Learn more about Seonaidh WilliamsCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.