'S ann à Crìochan Brà igh na h-Aibhne an Siorrachd Inbhir Nis an Eilean Cheap Breatainn a bha Seonaidh Williams, Seonaidh Aonghais Bhig. Bha e aithnichte airson na bh' aige de dh'òrain air a chuimhne, chan e a-mhà in òrain a thug na Gà idheil a-null leotha à Alba gu ruige Ceap Breatainn, ach cuideachd à ireamh mhòr de dh'òrain a rinneadh an Canada.
A' bruidhinn mu dheidhinn ann am prògram a rinn e do Âé¶¹Éç Radio nan Gà idheal mu òrain agus seinneadairean Cheap Breatainn, thuirt an t-eòlaiche Seumas MacBhà tair:
"Seinneadair dìreach sònraichte a bh' ann agus bha e na dheagh choimhearsnach dhomhsa. Bha sinn a' fuireach car faisg air a chèile agus 's iomadach turas a rinn mi nall gu à ite Sheonaidh gun dèanainn cèilidh air, dìreach gus am biomaid a' bruidhinn mu na h-òrain agus gun cluinninn na h-òrain a ghabhadh esan.
Bha Gà idhlig air a bruidhinn as an taigh sin gus an deach e gu bà s. Bha e a' fuireach còmhla ri nighean a pheathar agus a bhrà thar."
Mhìnich Seumas cuideachd co às a thà inig an t-ainm Williams:
"'S e bu sheanair dha fear às a' Chuimrigh air an robh Williams. Air taobh a mhà thair 's e Clann 'ill' Eòghainn a bh' annta, agus an seann à ite far an robh iad a' fuireach, b' ann aig feadhainn de Chlann Eanraig a bha an t-à ite sin. Agus thà inig iad à sin a-nall an seo gu Eilean Cheap Breatainn, às Eilean nam Manach, no Eilean na Muice ma thogras sibh. Bha Seonaidh an còmhnaidh ag rà dh gur e Mucaich a bh' annta."
Bha an tuathanas air an robh Seonaidh a' fuireach agus ag obair air a bhith as an teaghlach airson ginealaich. Gu duilich chaochail e ri linn teine san Fhaoilleach 2005.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.