Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllEathain (Bà rd Tighearna Chola) agus air a sheinn le: Donnie Murdo MacLeòid.
This is a song written by: Iain MacIllEathain (Bà rd Tighearna Chola) and sung by: Donnie Murdo MacLeòid.
Nuair dh'èirich Grian na Fìreantachd
Le gathan dìleas blà th,
Bu mhòr a bha de dh' fheum oirre,
Bu deisneach cor gach à it'.
Na cinnich bha gun eòlas air
Iehòbhah 's a lagh à rd,
'S na h- Iùbhaich nam fèin-fhìreantachd
Bha sealltainn sìos air grà s.
'N uair dh'èirich i bha gà irdeachas
Air ainglibh à rda Dhè,
Gun tà inig pà irt gu talamh dhiù,
'S cliù caithreamach nam beul,
A dh'innse do na buachaillean
Bha cuairteachadh an treud,
Gu'n d' èirich i le slà int' innte
Do shluagh gach à it' fon speur.
'N uair dh'èireas Grian na Fìreantachd
Air peacach dìblidh suas
Gum faic e chiont 's a ghrà inealachd
'S a thrà illealachd 's a thruaigh.
Gum faic e mar a bha e
Dèanamh tà ir air fuil an Uain,
Gun smaointinn air an t-sìorraidheachd
'S e dol gu prìosan buan.
Gum faic e grà dh an Fhìrein sin
A sheas cho dian na à it'
Fon chorraich sheirbh ro-dhòrainnich,
Dh'fhà g brònach e gu bà s.
Gum faic e luach na fala sin
Da anam cheannaich slà int',
'S a leigheiseas bho gach galair e
Tha 'm falach ann ga chnà mh.
Gum faic e neart a ghà irdein sin
A thug air SÃ tan buaidh
'S a bhrist gach ceangal là idir
Bh' aig a bhàs air anns an uaigh,
Gum faic e glòir na gnùise
Air 'n do rinn na h-Iùbhaich tà ir,
'S na là thair bidh sòlas cridh' aige,
Gum fàs e tinn le grà dh.
Gun cuir e cùl ri dìomhanas
'S thèid e gu dian air ghluas'd
Gu baile maiseach Shioin
Anns a bheil an Tì thug buaidh.
Ged gheibh e iomadh sà rachadh
San fhà sach thioraim chruaidh,
Chan iarr e bhi mar b'Ã bhaist dha
'S an Èiphit ghrà ineil thruaigh.
Le armachd dheà lraich fhìor-mhaith
Thèid e sìos don strì gu teann.
Le là imh chuir Ìosa 'n fhìreantachd
A bheir dha sìth, mu chom.
Tha 'n sgiath sin aige mhùchas
Saighdean teinnteach dlùth ar nà imh;
'S tha claidheamh geur an Spioraid
Gu neo-ghiorragach na là imh.
Fo dheà rrsadh Grian na Fìreantachd,
Sa chridh' bidh sìth a' fà s
Gun toir i reothadh millteach à s
'S gun lìon i e le blà ths.
Gum fuadaich i às aineolas
Is anshocair gu brà th.
'S gun deasaich i 's gach dòigh e
Airson glòir an tìr an à idh.
Gun èirich Grian na Fìreantachd
Air sluagh gach tìr fon speur,
Le slà int' aice na sgiathaibh,
'S mar laoigh bhiat' thèid iad gu leum.
Gum faic na cinnich fhiadhaich i,
'S gum miannaich iad a blà ths;
Gum faic na Tuircich bhrùideil i,
'S na h-Iùbhaich dhall, 's gach à it.
Na neart bidh Grian na Fìreantachd
A' deà rrsadh 'n tìr na glòir,
Chan fhaicear aomadh teà rnaidh oirr'.
'S cha tig oirr' sgà il tro neòil.
'S an tìr sin cha bhi dorchadas
No fuachd no stoirm no ceò;
'S cha bhi aon neach fo èislean ann,
No sgìos no creuchd no bròn.
A Dhè tha iochdmhor, fà bharach,
Seall orms' ad ghràs bith-bhuan.
Do Spiorad dèan a dhòrtadh orm,
'S thoir beò mi às mo thruaigh'.
O feuch dhomh glòir na grèine sin
'M Betlèhem dh'èirich suas,
Is biodh a gathan grà smhor
A tighinn orm gach là a-nuas.
Tuilleadh Fiosrachaidh
Chan na laoidhean aig Bà rd Tighearna Chola fhoillseachadh anns an leabhar Dà in Spioradail le MacLachlainn agus Stiùbhart, Dùn Èideann, 1880.

Thogadh Donnie Murdo MacLeòid ann a' Steòrnabhagh le Gà idhlig mar chiad chà nan, rud nach robh cho à bhaisteach am measg a ...
Fiosrachadh air Donnie Murdo MacLeòid / Learn more about Donnie Murdo MacLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.