B' ann à Caolas an Tiriodh a bha Iain MacIllEathain, Iain Mac Ailein no Bà rd Thighearna Chola, agus b' e greusaiche a bh' ann. Rugadh e air 8 Faoilleach, 1787, agus chaochail e an Canada air 26 Faoilleach, 1848.
Chionns gu robh an t-urram aige a bhith na bhà rd do Thighearna Eilean Chola, 's iomadh òran a rinn e ga mholadh, ach bhiodh e cuideachd a' dèanamh òrain air cuspairean an eilein agus a' cruinneachadh òrain.
Dh'fhoillsich e cruinneachadh de dh'òrain leis fhèin agus le daoine eile ann an 1818.
Chaidh e a Chanada sa bhliadhna 1819, an toiseach gu Baile Chnoic, an Siorrachd Phictou ann an Alba Nuadh, ach ghluais e san Fhaoilleach, 1831, gu baile fearainn goirid do dh'Abhainn Sheumais an Siorrachd Antigonish, ris an cante Gleann a' Bhà ird, mar chuimhneachan air.
B' e Am Bà rd MacIllEathain a bh' aca air ann an Alba Nuadh agus tha fhios gur e Òran do dh'Ameireaga (A' Choille Ghruamach), a rinn e goirid an dèidh dha Canada a ruighinn agus a chuir e dhachaigh gu a chà irdean an Alba, an t-òran is ainmeil a rinn e.
Ann an 1928, nuair a dheasaich Eachann MacDhùghaill an dara foillseachadh den leabhar Clà rsach na Coille, as na dh'fhoillsich an t-Urr. Alasdair MacIllEathain Mac na Ceà rdaich òrain a' bhà ird, sgrìobh e:
"An Eilean Chola bha meas mòr air bà rdachd Iain Mhic Ailein, mar a theirte ris A' Bhà rd MhacIllEathain agus is tric a chualas A' Choille Ghruamach gu sònraichte, ga seinn anns na cèilidhean. Cha b' fhiach am fear-seinn nach biodh an t-òran uile aige air a' mheomhair, is cò a sgìthicheadh dheth gus am biodh an t-sreath mu dheireadh air a liubhairt?
Bha Gà idheil nan eileanan a' sealltainn air A' Choille Ghruamach mar an aon iomradh a b' fhiach gèill a thoirt dhith air an dùthaich aibhsich ud a bha cho fada siar, agus mar sin, bha an doilgheas na bu chrà itiche is na bu doimhne an uair a thigeadh orra aghaidh a chur air an dùthaich sin, is am beò-shlà int air a h-à icheadh orra nan tìr fhèin."
Ged nach do chòrd a bheatha san dùthaich ur idir ris a' bhà rd an toiseach, dh'atharraich e inntinn mu dheidhinn an ceann ùine. Thà inig e gu creideamh là idir a bhith aige agus rinn e laoidhean air iomadh cuspair, nam measg 'Tuiteam an Duine', 'Abhainn Iòrdan', 'Là a' Bhreitheanais', 'Turas a' Chrìosdaidh', 'An Cogadh Naomh' agus Grian na Fìreantachd.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.