Òran air a sgrìobhadh le: Dòmhnall Iain Dòmhnallach (Dòmhnall Iain Chaluim Iain Nèill) agus air a sheinn le: Dòmhnall MacRath agus Freddie MacCoinnich.
This is a song written by: Dòmhnall Iain Dòmhnallach (Dòmhnall Iain Chaluim Iain Nèill) and sung by: Dòmhnall MacRath and Freddie MacCoinnich.
A ghruagach dhonn dhan tug mi grà dh
Shìos am Brunal tha i tà mh,
'S a cheart cho luath 's chaidh mi gu sà l
'S ann dh'fhuaraich grà idh na cailin dhomh.
Bheil cuimhn' agad nuair bha sinn òg,
Nuair a chaidh mi ort an tòir?
B' e do bhriathran 's tu toirt bòid
Nach biodh tu pòst' ach agam-sa.
Nam biodh agam riochd nan eun
'S mi gu siùbhladh astar sgiath,
'S thogainn cùrs air an taobh siar
Far 'm bu mhiann leam laighe leat.
Cha do laigh e air mo smaoin
Gun tigeadh dòrainn 'n cois a' ghaoil
Ach 's iomadh meur a th' anns a' chraoibh
Nach fhaic na saoir gun gearrar i.
Mìle beannachd leat, a ghrà idh,
'M fear a gheibh thu gheibh e slà int';
Bidh mis' an seo gad chaoidh gu brà th,
'S tu chùm mo thà mh 's mo chadal bhuam.

Rugadh Dòmhnall MacRath ann an Tà bost nan Loch, Leòdhas air 26 Lùnastal, 1941, mac Ciorstaidh Anna Mhurchaidh Mhurchaidh. Nuair a bha e dà bhliadhna dheug ...
Fiosrachadh air Dòmhnall MacRath / Learn more about Dòmhnall MacRath
Rugadh Freddie MacCoinnich, Freddie Ciorstag Freddie, san t-Òb sna na Hearadh ann an 1946. Bha a mhà thair, Ciorstag Freddie Dhòmhnaill Mhòir cà irdeach don bhà rd ainmeil, ...
Fiosrachadh air Freddie MacCoinnich / Learn more about Freddie MacCoinnichCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.