
San dealbh chithear Dòmhnall Iain Dòmhnallach agus a bhean, Gruagach Dhonn Bhrunail.
Rugadh Dòmhnall Iain Dòmhnallach, Dòmhnall Iain Chaluim Iain Nèill, anns Na Geà rrannan air 23 Gearran, 1932.
B' ann às Na Geà rrannan a bha a phà rantan, Mà iri Choinnich 'an Choinnich agus Calum Iain Nèill. B' e aon de chà raid a bha na athair, Calum Iain Nèill. Rugadh e fhèin agus a phiuthar Ceit ann an Glaschu, ach, 's dòcha chionns gun robh airgead gann, chaidh Calum a thogail ann an Leòdhas le peathraichean athar.
'S e Dòmhnall Iain as sine den triùir bhalach as an teaghlach. Tha Fionnlagh pòsta ann an Grìanaig agus tha Coinneach a' fuireach ann an Glaschu.
Chaochail mà thair Dhòmhnaill Iain 's gun e ach deich bliadhna a dh'aois agus bha aig athair ris an teaghlach a thogail leis fhèin 's gun an dithis bhalach eile ach ochd agus còig bliadhna a dh'aois.
Dh'fhà g e an sgoil nuair a bha e ceithir bliadhna deug agus, airson beagan bhliadhnaichean an dèidh sin, bha e ag obair air a' chroit. Chaidh e gu muir an uair sin. Bha e anns an R.N.R. cuideachd agus bha e greis aig sealg nam mucan-mara ann an South Georgia.
Anns an Dùbhlachd, 1957, phòs e fhèin agus Ciorstaidh Anna Mhoireasdan, nighean Sheonaidh Ruaraidh Dhoileigean, ann an Eaglais Shaor Shiaboist agus 's ann ann an Siabost a tha iad a' fuireach an-duigh. 'S ann à Brà gair a bha a h-athair agus thogadh Ciorstaidh Anna anns a' cheà rnaidh sin, eadar Siabost agus Brà gair, ris an canar Brunail.
Tha aon nighean aca, Mà iri, a tha pòsta ann an Siabost. Bha triùir ghillean aca ach dh'fhuiling an teaghlach dà bhuille chruaidh nuair a chaidh am balach a b' òige, Coinneach, a mharbhadh nuair a chaidh a leagail le carbad ann an 1980, 's gun e ach seachd bliadhna deug a dh'aois. Ann an 2003 chaidh Iain a bhathadh ann an tubaist air bà t'-iasgaich. Tha an treas mac, Calum, na mhinisteir ann an Eaglais Shaor Chalanais.
An dèidh pòsadh bha Dòmhnall Iain ag obair ann am Muileann Shiabost airson greis. Thug e greis eile ag obair air na rathaidean agus an dèidh sin bha e na bhreabadair gus do leig e dheth a dhreuchd.
Ged a sgrìobh Dòmhnall Iain beagan òrain mu thachartasan anns an sgìre, chan eil teagamh nach e Gruagach Dhonn Bhrunail, a rinn e dha bhean Ciorstaidh Anna nuair a bha e aig muir, am fear is eòlaich air a bheil daoine.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.