Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Catrìona Garbutt.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Catrìona Garbutt.
Gur muladach tha mi, tha mo leannan air fàs rium an gruaim
Thug mi gaol bho chionn tamaill 's tha tè eile ga mhealladh siud bhuam;
Nuair a thèid mi dhan leabaidh gura h-aotram mo chadal 's cha suain
Tha leann-dubh orm drùidhte, 's tric snighe mo shùil air mo ghruaidh.
Gur mis' tha fo euslain' bho na chuir iad an snaim air mo ghrà dh
'S e do thuras a Mhìcheil a dh'fhà g m' aigne cho ìosal gu là r;
Dh'iarr thu orm dèanamh deiseil gus do bhanais a sheasamh Dimà irt
Rinn thu rithist ath-smaointinn 's dh'fhà g thu mise nam aonar gu brà th.
Tha mi fhathast gun phòsadh, dh'aindeoin sgeòdal 's luchd-innse nam breug
Cha robh dùil agam togail fhad 's a choisichinn slà n air an fheur;
Fhad 's a dh'fhanainn mar bha mi, 's a ghlèidhinn mo nà ire 's mo chiall
Cha bu lugha nan caoch a bheireadh ormsa do ghaol a chuir dhìom.
Tha mo cheist air an armann guma camalagach à lainn do ghnùis
Gu bheil maise nad aodann nach cuir duine air an t-saoghal air chùl;
Ach ma rinn thu mo thrèigsinn le tainead mo sprèidh air mo chùl
Beannachd romhad 's nad dheaghaidh 's biodh agad mar roghnaich thu.

Rugadh Catrìona Garbutt, Catrìona Chaluim Iain, nighean Mòrag Aonghais, ann am Beinn na Fadhla air 19 Cèitean 1935. Bha a pà rantan le chèile à Beinn ...
Fiosrachadh air Catrìona Garbutt / Learn more about Catrìona GarbuttCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.