
Rugadh Catrìona Garbutt, Catrìona Chaluim Iain, nighean Mòrag Aonghais, ann am Beinn na Fadhla air 19 Cèitean, 1935. Bha a pà rantan le chèile à Beinn na Fadhla ach b' ann à Cnoc an Torrain ann an Uibhist a Tuath a bha cuideachd a mà thair. Bhuineadh cuideachd a h-athair do dh'Uibhist a Deas.
'S e clachair a bha na h-athair agus bha ceathrar anns an teaghlach, dithis nighean agus dithis bhalach. Bha ceòl anns na daoine aig Catrìona air an dà thaobh. Bha teaghlach a mà thair math air seinn agus thà inig a' phìobaireachd bho dheas. Bha an ceathrar aca ri cluich na pìoba agus bhiodh Catrìona, Ceitidh Mà iri, Calum agus Aonghas a' gabhail pà irt anns na farpaisean aig deas.
Chaidh Catrìona do Bhun-sgoil Chnoc na Mònadh, sgoil anns an robh am bà rd, an cleasaiche agus an seinneadair Tormod MacIllEathain airson greis. Chaidh i do dh'Àrd-sgoil a' Ghearastain airson sia bliadhna an dèidh sin, don sgoil a bha suidhichte aig ceann an iar a' bhaile. Bhiodh i a' seinn aig na mòdan aig an à m seo agus a' cumail suas ceòl na pìoba le Sandaidh Mac a' Ghobhainn à Inbhir Lòchaidh, a bhuineadh do dh'Uibhist a Deas.
Cheumnaich Catrìona à Oilthigh Ghlaschu agus an dèidh sin rinn i bliadhna trèanaidh ann an Colaiste Dowanhill airson a bhith na tidsear. Nuair a choisinn i a teisteanas teagaisg fhuair i obair ann an Sgoil Bhrèibhig, ann am Barraigh, far an robh i airson trì bliadhna.
'S ann nuair a chaidh i a Bharraigh a thòisich ì dha-rìribh ag ionnsachadh òrain, oir bha an t-eilean là n de sheinneadairean comasach agus fiosrach, leithid Calum MacIain agus Mà iri Eòghainn. Bha i a' loidseadh aig Ealasaid NicNèill, a bhuineadh do Clann Eòin Eachainn, agus aig an robh am pailteas òrain i fhèin. Bha Ealasaid ga toirt mun cuairt an eilein a thadhal air feadhainn eile aig an robh eòlas air òrain.
Bha Catrìona cho toilichte ann am Barraigh agus nach biodh i idir air fhà gail mur a b' e gun d' fhuair i tairgse obair fhaighinn aig an taigh ann am Beinn na Fadhla. Chaidh i dhachaigh ann an 1960.
Ann an 1970 phòs i Tòmas Garbutt agus rinn iad an dachaigh anns an Uachdar. B' ann à Beinn na Fadhla a bha a mhà thair agus b' ann san eilean a thogadh e an dèidh dha athair a chall anns a' chogadh. Bha aon nighean aca, Mòrag, a tha na tidsear Gà idhlig ann an Sgoil Chondobhrait, ann an Comar nan Allt.
Bho 1977 bha Catrìona far a h-obrach fhad 's a bha Mòrag na nighinn bhig, ach ann an 1981 fhuair i tairgse a bhith na neach-teagaisg ciùil feadh sgoiltean Uibhist, obair a bha a brà thair Calum ris cheana, is e a' teagasg ceòl na pìoba don chloinn. Bha i ris an obair sin airson sia bliadhna deug, a' tadhal air sgoiltean eadar Beà rnaraigh aig tuath agus Èirisgeigh aig deas.
Tha Catrìona den bheachd gu robh i air leth fortanach gun robh i bèo aig à m a thug dhi cothrom coinneachadh ri seinneadairean sònraichte math, leithid Ceit NicDhòmhnaill (Bean Eardsaidh Raghnaill), Peinidh Mhoireasdan, Ceit agus Anna Dhonnchaidh agus Ceit Phà draig, a dh'ionnsaich dhi Bu Chaomh Leam Bhith Mireadh. Anns an sgìre aice fhèin fhuair i mòran eòlas air òrain bho Cheit Nic Ille Mhaoil, Fanaidh NicÌosaig agus Peinidh NicIllFhialain.
'S i Catrìona an aon seinneadair Gà idhlig a bhios a' seinn dà sheòrsa eadar-dhealaichte den òran Artaireach Am Bròn Binn. Fhuair i fear dhuibh bho Chatrìona 'illeasba' Ghriomasaigh à Beinn na Fadhla agus am fear eile bho Cheit Dhonnchaidh à Peighinn nan Aoirean agus Na Hogha Beag.
Nuair a chualas i ga sheinn ann an Taigh-òsta Westford is na bà ird Èireannach an là thair, fhuair i cuireadh a dhol air chuairt còmhla ris na bà ird a dh'Èirinn ann an 1981.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.