Òran air a sgrìobhadh le: Tormod Moireasdan (Bà rd Sgiogarstaigh) agus air a sheinn le: Mà iri Nic a' Ghobhainn.
This is a song written by: Tormod Moireasdan (BÃ rd Sgiogarstaigh) and sung by: MÃ iri Nic a' Ghobhainn.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
'S o ho rò tha mi duilich, tha m' aignidhean uile fo leòn,
Gun cheòl-gà ire na cuideachd, 's sinn uil' air bheag dòchas;
Mo shùil air a' mhuir 's e na ultaichean mòr
Tighinn thairis air bòrd tron oidhche.
'S e ochdar a sgioba a bh' againn air bòrd,
Am balbhan, a' Loonaidh, is seisear a' chòrr;
'S e 'm balbhan bu tapaidh gu tarraing nan ròp,
Chan iarradh e' n còrr ach ol' ungaidh.
Bu choma leat cò dheigheadh thoirt ròp às do là imh,
Cha b'e balach le gòmadh bu chòir a dhol ann;
Gun sgiol feòil air do chnà mhan, do ghà irdeanan lom
A' ruith suas air an druim aic' gun mhògag.
Nam biodh fios aig mo mhà thair mar bha mi bho raoir,
Cha chaidleadh i sà mhach 's a là mh fo a ceann;
Mi fuar is mi acrach 's mi airtneulach, fann,
'S mo leabaidh-s' bha raoir air droch òrdugh.
'S e trì cheud is trì fichead is aonan 's a dhÃ
B'e sin à ireamh na culaidh 'n taigh-chusbainn na h-Àrd
Ma ruigeas i dhachaidh bidh a cliù as gach à it'
Gun sheas i ri blà r, nach do shtrìochd i.
Mo bheannachd aig Iseabail nighean an à igh,
Nuair sheas i cho duineil 's i ceangailt' air chearraig,
Mar cheap anns an fhairge 's am muir a toirt tà ir' dhith
Ga fuadach bho chà irdean 's luchd-eòlais.
'S nuair sguir sinn a tharraing 's a fhuair sinn air being
Chaidh an crann mòr air a chasan 's na balaich le sgoinn;
Chaidh a' foresail a chà radh gu h-à rd as na cruinn
'S i mar òg-bhean na bainns' dol a phòsadh.

Rugadh is thogadh Mà iri Nic a' Ghobhainn ann an Dail bho Thuath, Leòdhas, ann an dachaigh far an robh seinn na rud cho nà darrach ri ...
Fiosrachadh air Mà iri Nic a' Ghobhainn / Learn more about Mà iri Nic a' GhobhainnCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.