Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: an teaghlach rankin agus Seasaidh Niven NicLachlainn.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: an teaghlach rankin and Seasaidh Niven NicLachlainn.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Ho rò mo nighean donn bhòidheach,
Hi rì mo nighean donn bhòidheach,
Mo chaileag laghach bhòidheach,
Cha phòsainn ach thu.
A nighean dhonn nam blà th-shùil
Gur trom a thug mi grà dh dhut;
Tha d' ìomhaigh, ghaoil, is d' à illeachd
A ghnà th tighinn fom ùidh.
Cha cheil mi air an t-saoghal
Gu bheil mo mhiann 's mo ghaol ort;
'S ged chaidh mi uat air faondradh
Cha chaochail mo rùn.
Nuair bha ann ad là thair
Bu shona bha mo là ithean
A' sealbhachadh do mhà nrain
Is à ille do ghnùis.
Gnùis aoigheil, bhanail, mhalda,
Na h-òigh is caomha nà dar,
I suairce, ceanail, bà idheil,
Là n grà is agus mùirn.
Ach riamh on dh'fhà g mi d' fhianais
Gu bheil mi dubhach, cianail;
Mo chridhe trom ga phianadh
Le iargain do ghnùis.
Ge lurach air a' chabhsair
Na mnathan òga Gallta,
A rìgh, gur beag mo gheall-s'
Air bhith sealltainn 'n an gnùis.
'S ann tha mo rùn 's na beanntaibh,
Far bheil mo rìbhinn ghreannar,
Mar ròs am fà sach shamraidh,
An gleann fad o shùil.
Ach nuair a thig an samhradh
Bheir mise sgrìob don ghleann ud,
'S gun tog mi leam don Ghalltachd
Gu h-annsail am flùr.
B' i Seasaidh Niven NicLachlainn a' chiad ghuth Gà idhlig a chaidh riamh air clà r gramafon. Chuir i trì òrain air clà r ann an Glaschu air ...
Fiosrachadh air Seasaidh Niven NicLachlainn / Learn more about Seasaidh Niven NicLachlainnCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.