B' i Seasaidh Niven NicLachlainn a' chiad ghuth Gà idhlig a chaidh riamh air clà r gramafon. Chuir i trì òrain air clà r ann an Glaschu air 5 Sultain, 1899, do chompanaidh air an robh an t-ainm Berliner agus rinn i clà ir cuideachd, Mo Dhachaigh nam measg, do chompanaidh Frangach air an robh Pathe.
Bhuineadh i do dh'Earra-Ghà idheal agus rugadh i ann an 1866, beagan mhìltean a-mach às an Òban, am baile dom buineadh a mà thair. Bha a h-athair à Tobar Mhoire am Muile.
Cha robh i ach glè òg nuair a thòisich i a' cosnadh cliù dhi fhèin mar sheinneadair agus fhuair i cuireadh seinn air beulaibh Banrigh Bhictoria ann am Baile Mhoireil toiseach an Dà mhair, 1892, 's i dìreach 26 bliadhna a dh'aois. Fhuair i mar phà igheadh bann-là imhe òr le aona seud deug ann, rùbaidh, gorm-leugan agus jargoon bhon Bhanrigh. An dèidh seinn aig Baile Mhoireil bha fèill oirre air feadh na dùthcha agus nas fhaide air falbh.
Mun à m a sheinn i aig Baile Mhoireil phòs Seasaidh Raibeart Bochanan, à Glaschu. Bha Raibeart e fhèin glè ainmeil mar fhear-teagaisg ciùil agus b' e a bhiodh daonnan a' cumail taic ri Seasaidh air a' phià na.
Còmhla rinn iad cuairtean cho fada air falbh ri Canada, Astrà ilia agus New Zealand, ach a dh'aindeoin a cliù, bha Seasaidh daonnan a' toirt taic don Ghà idhlig le seinn aig cuirmean agus mòdan an Glaschu, Dùn Èideann, Lunnainn agus iomadh à ite eile.
Chunnaic Sìne Nic Labhrainn Seasaidh a' seinn aig Mòd Dhùn Dèagh ann an 1913, mar a dh'innis i air prògram Gà idhlig a' BhBC air 3/10/1985:
"Bha mise san sgoil, agus thà inig mo mhà thair agus dh'iarr i cead mo phiuthar agus mise leigeil leatha, gu Dundee, chun a' Mhòd. Bha sinn ann a' shin agus bha Seasaidh NicLachlainn agus an duine aice ann, agus bha i eireachdail.
Bha i à rd agus uabhasach snasail, agus mun à m sin nuair a chunnaic sinn i, bha i glè mhath air a sgeadachadh. 'S e gùn uaine a bh' oirre agus trèana air, agus thà inig i dìreach mar gum biodh fìor bhan-righinn, fada nas coltaiche ri banrigh na bha Bhictoria. Chan eil cothrom sam bith aig duine mar a choimheadas iad ach bha ise, dìreach sin a' seòrsa a bh' innte.
Agus bha an duine aice leatha an oidhche sin. Thug e staigh i chun a' phlatform, agus dh'fhà g e i, agus thà inig esan a shuidhe leis a' chuideachd. O, bha i sònraichte.
Agus a' chiad òran a chuala mi i a' gabhail an oidhche sin, 's e Mo Dhachaigh. Bha i sònraichte dìreach. Chan eil cuimhne agam dè na h-òrain eile a ghabh i ach tha cuimhne agam gu brà th air a cluinntinn a' gabhail 'Mo Dhachaigh'."
Chaochail Seasaidh ann an taigh air an robh Thorncliffe air Woodend Avenue ann an Clarkston sa Chèitean 1916, 's gun i ach 50 bliadhna a dh'aois. Tha e coltach gu robh na ceudan air an tòrradh aice agus na ceudan eile air gach taobh dhen rathad gu Cladh Cathcart. Bha a h-uile Comann Gà idhlig a bh' anns an dùthaich air an riochdachadh ann agus bha dà phìobaire a' coiseachd air thoiseach air a' ghiùlain.
Bha Fred MacAmhlaigh a bha os cionn Roinn Gà idhlig a' BhBC fad iomadh bliadhna dhen bheachd gur h-i, "a' chiad neach riamh a thug urram is cliù do na h-òrain Ghà idhlig air an à rd ùrlar, fada a-mach far crìochan na Gà idhlig, agus a dh'fhosgail inntinn dhaoine nach buineadh gu tuigse air luach a dualchais."
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.