Òran air a sgrìobhadh le: Iain MacIllFhinnein (Bà rd Inbhir Àsdal) agus air a sheinn le: Eachann MacCoinnich.
This is a song written by: Iain MacIllFhinnein (Bà rd Inbhir Àsdal) and sung by: Eachann MacCoinnich.
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Hug ì ho rò, hug o ro èile
Hug ì ho rò, hug o ro èile
Hug ì ho rò, hug o ro èile
Ma bhios mi buan don taobh tuath gun tèid mi.
Gur truagh nach mise bha 'n tìr mo chà irdean
An tìr bheil m' eòlas, tìr bhòidheach à lainn,
Tìr mhachrach bhiadhar, tìr fhialaidh fhà smhor
Tha beannachd Dhia air gach nì tha fàs innt'.
Tha crodh is caoraich air raointean fà sail
Na laoigh 's na h-uain ruith mun cuairt ag aileis,
Tha iasg is sgadan gu tric gan trà ladh
'S cearc-fhraoich is liath-chearc air sliabh sa Bhrà ighe.
Thoir beannachd bhuamsa don t-sluagh tha 'n Geà rrloch
Fir thapaidh uallach, fir uasal shà thmhor,
An car no 'n cruadal air cuan no blà ran
Nuair nì iad gluasad bidh buaidh nam fà bhar.
Thoir beannachd dùbailte gu mo mhà thair
Is innis le dùrachd dhith mar a tha mi,
Tha 'n Tì tha riaghladh toirt biadh gach là dhomh
'S a ghà irdean siorraidh gam dhìon bhon nà mhaid.

Rugadh Eachann MacCoinnich, Eachann Thormoid Mhòir, air 11 Mà rt, 1926, ann an Geà rrloch. Bhuineadh a mhà thair, Ceit Nic a' Phearsain do na h-Obanan, ann an ...
Fiosrachadh air Eachann MacCoinnich / Learn more about Eachann MacCoinnichCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.