Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Anna Latharna NicGillìosa agus catrìona nicÌomhair parsons.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Anna Latharna NicGillìosa and catrìona nicÌomhair parsons.
O Iain Ghlinn' Cuaich
Fear do choltais cha dual da fà s,
Cùl bachlach nan dual
'S e gu camlùbach suas gu bhà rr.
'S i do phearsa dheas ghrinn
A dh'fhà g mi cho tinn le grà dh,
Is cha toir às do dhèidh
Gus an cà irear mo chrè san ùir.
Iain, Iain, a ghaoil
Cuim' a leig thu mi faoin air chùl,
Gun ghuth cuimhn' air a' ghaol
A bha againn araon air tùs?
Cha tug mise mo spèis
Do dh'fear eile fon ghrèin ach thu,
Is cha toir às do dhèidh
Gus an cà irear mo chrè san ùir.
Ged a chinn thu rium fuar
Bheil thu, Iain, gun truas 's mi 'm chà s,
'S a liuthad là agus uair
Thu 'n cèill gum bu bhuan do ghrà dh?
Ach ma chaochail mi buaidh
'S gun do choisinn mi t'fhuath na t-fhearg,
Tha mo bheannachd ad dhèidh
'S feuch an tagh thu dhut fhèin nas fhèarr.

Tha an t-Ollamh Anna Latharna NicGillìosa air a bhith a' seinn airson iomadach bliadhna – ann an Gà idhlig agus caochladh chà nain eile: air telebhisean, rèidio ...
Fiosrachadh air Anna Latharna NicGillìosa / Learn more about Anna Latharna NicGillìosaCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.