Òran air a sgrìobhadh le: Ruaraidh MacAoidh (Bà rd Iollaraigh) agus air a sheinn le: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais).
This is a song written by: Ruaraidh MacAoidh (Bà rd Iollaraigh) and sung by: Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais).
³§Ã¨¾±²õ³Ù / Chorus
Tha mi falbh air thuras, mulad air mo bhualadh
Thèid mi sgrìob do Phaibil ged is fhada bhuam e,
Tha mi falbh air thuras, mulad air mo bhualadh.
Saoil nach mi bha brònach air feasgar a' bhòn-raoir
'S mi faicinn tìr m' òige bhon chòmhdach bu dual dhith.
Chì mi mar a b' à ill leam Sanndaigh is Creag Hà stainn
Len cuid leòidean à lainn, bhiodh na bà ird a' luaidh orr'.
Tobhtag a Mìneadh, b' anns' leam bhith ga dhìreadh
B' aotrom ghearrain sìnteig nuair a dhìrinn suas e.
Fearann torrach tairbheach eadar sliabh is fairge
Machraichean fo sheamraig 's garbhlaichean fo luachair.
Tìr nam mnathan bà igheil, bheireadh biadh don à nrach
'S na fir chòire là idir a thug grà in don tuasaid.
Tìr nan òighean banail aig gach luadh is banais
Cha bhiodh aon dhiubh falamh gun leannan ri gualainn.

'S ann às a' Bhaile Shear an Uibhist a Tuath a bha Ùisdean MacMhathain, Ùisdean Sheumais Bhà in. Thug e iomadh bliadhna na gheamair, an toiseach air oighreachd ...
Fiosrachadh air Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais) / Learn more about Ùisdean MacMhathain (Ùisdean Sheumais)Âé¶¹Éç © 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.