Rugadh Ruaraidh MacAoidh, Bà rd Iollaraigh, air 16 Samhain, 1872, air Geà rraidh Chnoc an Torrain an Uibhist a Tuath, am mac a bu shine den cheathrar mhac a bha aig Alasdair MacAoidh, Alasdair mac Ruair' 'ic Eachainn, a bha e-fhèin na bhà rd. Ghluais an teaghlach gu Àird Iollaraigh sa bhliadhna 1904.
Tha a' bhà rdachd agus na h-òrain aig Ruaraidh MacAoidh air an cruinneachadh anns an leabhar Oiteagan à Tìr nan Òg a chaidh fhoillseachadh do Chomunn Uibhist is Bharraigh an Glaschu sa bhliadhna 1938.
Anns an ro-rà dh tha Seoras MacCoinnich ag rà dh, "Cha robh e ach 13 nuair a ghleus e chruit-chiùil an toiseach agus riamh on uair sin bha e ga gleusadh a-rithist agus a-rithist; 's math dh'fhaodte gu bheil e nas dlùithe air a' ghlan fhìrinn a rà dh gun robh i air ghleus an còmhnaidh."
Bha e anns na Camshronaich greis co-dhiù aig à m a' Chiad Chogaidh, 's thug e grunn bhliadhnaichean a' siubhal Uibhist dà uair sa bhliadhna a' togail na mà il dhan t-seann bhà illidh MacCoinnich. Aig amannan eile bhiodh e a' cuideachadh a' bhà illidh a' dèanamh pà irt dhen chlèireachd dha am Baile Lòin.
Duine eirmseach a bh' ann a rèir coltais. Bha sgeulachd aig Dòmhnall Dòmhnallach à Iollaraigh mu thuras a bha Ruaraidh fada gun tighinn dhachaigh agus bha mhà thair a' gabhail uallach nach robh e a' tighinn. Co-dhiù, 's ann madainn na Sà baid a rà inig Ruaraidh an taigh agus chà in a mhà thair gu math e, airson nach tà inig e dhachaigh ron a' seo. Ach 's e freagairt a fhuair i, "A mhà thair, cò nis' a' latha bu bheannaichte dhen t-seachdain a thaghadh tu fhèin airson tighinn dhachaigh, na Latha na Sà baid?"
'S e duine tana, meanbh a bh' ann agus bha sgeulachd aig Ùisdean Sheumais mu latha bha e na shìneadh air a' bheingidh agus e a' dèanamh òran agus aig deireadh fear de na ceathramhan bha na facail, "Gus an tèid mo dhinneadh leis na saoir an ciste chaol nan clà r"
"O well, a Ruaraidh," arsa bodach a bha staigh, "'S i bhios caol a' latha a dh'fheumas iad thusa a dhinneadh innte!"
Sgrìobh Seòras MacCoinnich mun bhà rdachd aige:
"Tha tuar is dreach na deagh bhà rdachd air òrain Ruaraidh 'icAoidh. Tha smuaintean solamaichte na h-inntinn, togradh a' chridhe, fealla-dhà gun ghò, gach aon diubh air an cur an riochd freagarrach, an t-sreath a ruith gu rèidh, agus am bà rd mean air mhean a' tarraing na dealbh a tha na inntinn fhèin gun chearb, gun tuisleadh."
"Tha 'n luinneag-ghaoil an seo ... le h-à bhachd 's le h-ionndrainn; agus a chionns gu bheil am bà rd anabarrach beachdail agus air leth eirmseach chan iongnadh gun leughadh e dòigh a' choimhearsnaich 's a cho-chreutair gu pongail, agus gun toireadh e cunntais orra ann an ranntachd spòrsail. Tha duanagan san leabhar seo a bheir gà ire ort ach chan eil gin dhiubh a dh'adhbhraicheas mìothlachd no chiùrras cridhe."
Tha e cuideachd ag rà dh:
"Tha faclan san leabhar seo nach cluinnear ach ainneamh an Uibhist fhèin nar latha-ne. Bu mhòr am beud nan leigte air di-chuimhne iad. Ged nach dèanadh an leabhar ach fasgadh a thoirt dhaibh on doineann a tha a' sguabadh air falbh na h-uiread dhiubh gu Tìr na Dì-Chuimhne, cha bu shaothair gun tairbhe e."
Cha do phòs Ruaraidh a riamh. Chaochail e an Àird Iollaraigh air 7 Gearran, 1949, agus chaidh a thiodhlacadh cuide ri chà irdean an Cladh Chille Mhoire.
Air an leac a tha aig a cheann tha rann à Moladh Uibhist.
Tìr mo dhaoine, tìr mo ghrà idh
Ged theireadh cà ch gur duainidh i
Cha do dheà lraich grian air à ite
Leth co-Ã lainn snuadh rithe;
Ged nach fhaicear innte craobh
Gum faicear fraoch is luachair innt'
Is muran dubh-ghorm na raoin
'S iad taobh ri taobh gu cuaileineach.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.