Òran air a sgrìobhadh le: Iain Caimbeul (Bà rd na Leideig) agus air a sheinn le: Eà irdsidh Grannd.
This is a song written by: Iain Caimbeul (BÃ rd na Leideig) and sung by: EÃ irdsidh Grannd.
Is toigh leam a' Ghà idhealtachd, 's toigh leam gach gleann,
Gach eas agus coire an dùthaich nam beann.
Is toigh leam na gillean nan èideadh glan, ùr;
Is bonaid Ghlinn Garaidh mun camagan dlùth.
Is toigh leam nan deis' iad om mullach gum bonn,
Am breacan, an t-osan, an sporan 's an lann;
Is toigh leam iad sgeadaicht' an èideadh an tìr',
Ach 's suarach an deise, seach seasmhachd an cridh'.
Sheas iad an dùthaich 's gach cùis agus cà s,
Duais-bhrathaidh cha ghabhadh ged racht' an cur bà s;
'S ged shà raicht' an spiorad 's ged leagteadh an ceann,
Bha 'n cridhe cho daingeann ri carraig nam beann.
Is toigh leoth' na h-ìghneagan 's b' ainneamh an t-à m
Nach bithinn nan cuideachd nuair gheibhteadh bhith ann;
'S nam faighinn-sa tè dhiubh à dùthaich mo chridh'
Gun siùbhlainn-sa leatha gu iomall gach tìr'.
Is toigh leam a' Ghà idhlig, a bà rdachd 's a ceòl:
Is tric thog i nìos sinn nuair bhitheamaid fo leòn,
'S i dh'ionnsaich sinn trà th ann an là ithean ar n-òig',
'S nach fà g sinn gu brà th gus an laigh sinn fon fhòid.
Is toigh leam na cleachdaidhean ceanalt' a bh' ann,
Na biodh iad air dhiochuimhn' a-nis aig a' chloinn;
An coibhneas, an cà irdeas, am bà idh is an t-eud
Thug cliù dhaibh 's gach dùthaich fo chùirtean nan speur.
Nis tha dùthaich ar gaoil dol fo chaoraich 's fo fhèidh;
Sinn gar fuadach thar sà ile mar bhà rrlaich gun fheum;
Ach thigeadh an cruaidh-chà s, 's cò sheasas an stoirm?
O cò ach na balaich lem boineidean gorm?
Cò sheas ris na Frangaich ri à m Waterloo?
'S an Russia, chur Alma gu h-ìosal san ùir?
Cò, anns na h-Innsean, thug saorsa don t-sluagh?
O cò ach na Gaidheil bho dhùthaich nam buadh.
Canar an gaisge san domhan mun cuairt
Air sgiathaibh na gaoithe ga sgaoileadh thar chuan;
Is fhad 's a bhios rìoghachd na seasamh air fonn
Bidh cuimhne gu dìlinn air euchdan nan sonn.
'S ma rùisgear an claidheamh a-rithist gu strìth
Ged 's ainneamh ur cuideachd, bidh trusadh nar tìr;
Bidh clanna nan Gà idheal ri aghaidh gach cà s
'S iad gualainn ri gualainn gu buaidh no gu bà s.

Ged a rugadh Eà irdsidh Grannd ann an Lenzie, air iomall Ghlaschu, ann an 1902, thogadh e le Gà idhlig mar chiad chà nan. Bha e seachd bliadhna ...
Fiosrachadh air Eà irdsidh Grannd / Learn more about Eà irdsidh GranndCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.