Rugadh Iain Caimbeul san Òban air 22 Sultain, 1823, ach ghluais an teaghlach gu ruige Meudarloch nuair a bha e mu dhà bhliadhna a dh'aois. B' e athair maighstir-sgoile na Leideig fad 35 bliadhna.
Bha Iain ga fhoghlam airson na ministrealachd ach thug dìth slà inte air sin a leigeil seachad. Thug e grunn bhliadhnaichean an Glaschu, à ite nach d' thà inig ri chà il idir:
Nuair thig LÃ na SÃ baid
'S luchd m' eòlais sa phà illein,
Cha bhi mi 'n sin là imh riuth'
Is cà ch ann mar aon.
Ach O, 's e mo dhùrachd,
Mo ghuidhe is m' ùrnaigh
Gun till mi ri ùine
Gum dhùthaich 's gum dhaoin'.
'S gu faic mi an Leideig
Le monadh 's le deisir
'S Dùn-bhallaire chreagaich
A' faire a' chaoil;
'S gun cluinn mi a' Ghà idhlig
San tìr a rinn m' à rach
Mo roghainn gu brà th i
De chà nain an t-saoghail.
Thill Iain Caimbeul a dh'ionnsaigh na Leideig, far an robh bùth aige airson greis. Bha e pòsta agus bha còignear nighean aige agus, an ceann ùine, fhuair e obair a' ruith Oifig a' Phuist.
Tha 'm post a seo, tha 'm post a seo
'S a mhà ileid air a dhruim,
Is iomadh naidheachd chudromach
Tha ceangailte aige cruinn.
Is iomadh aon glè mhuladach
San cridhe gort ga chlaoidh
Gheibh faochadh agus furtachd
Nuair dh'fhuasglas e an t-snaim.
Am post a nis gun d' thà inig e
Is sùil ris air gach taobh
Tha naidheachd breith is bàs aige
Tha bà irlinn agus aont';
Tha geallaidhean gan daingneachadh
'S gun taing gam briseadh suas
Is iomadh à it' an toir e aoibh
'S an toir e gaoir is gruaim.
Chruthaich e gà rradh a bha ainmeil, far an robh e a' fàs lusan agus measan a bhiodh e toirt gu margaidh an Òbain. Ach bha ùidh mhòr aige cuideachd ann am maise a' ghà rraidh, mar a dh'innis fear Anndra Seumas Symington is e a' sgrìobhadh san iris, The Celtic Monthly, san Fhaoilleach, 1893:
"It is situated about two miles from Connel Ferry where are Ossian's Falls of Lora, and it stands immediately under Dun Valanree, near Dun Uisneach.
The dwelling itself consists of a little range of white houses, built at different times, one slated and the others thatched. All of them are trailed over with climbing plants and embosomed in greenery, while the windows are well nigh smothered up with roses - red, white, tea, or damask – honeysuckles too, clematis, and luxuriant masses of the escalonia macrantha abound, with its leaves of glossy green relieved by numerous clusters of scarlet wax-like flowers. It is admitted to be one of the most picturesque post-offices in Great Britain."
Bha BÃ rd na Leideig cuideachd ainmeil airson nan coinneamhan soisgeulach a bhiodh e a' cumail ann an uaimh, faisg air a dhachaigh:
"Opposite the cottage, between the road and the sea, is the rock cave, approached through an arch of roses, in which nature has been helped by a wall on one side, a window, a door and a fireplace. In the cave are seats, a bookcase, and a swinging oil lamp while a pane of glass in the roof admits a patch of sunlight or shows the stars.
The cave can accommodate 50 children, and for the last three and twenty years has been usually crowded Sunday after Sunday. Fathers and mothers, who in their youth attended the class still like to come, in all weathers, and fetch their own little ones with them."
Chaidh an uaimh aig BÃ rd na Leideig a sgrios ann an 1903 nuair a bhathar a' togail an rathaid iarainn gu ruige Baile Chaolais.
Bha an sgoilear ainmeil, an t-Ollamh Blackie, na dheagh charaid dhan bhà rd agus dh'eadar-theangaich esan cuid den bhà rdachd aige airson an leabhar a nochd ann an 1884. Tha an t-òran ris an canar mar is trice Is toigh leam a' Ghà idhealtachd air fhoillseachadh ann fon t-ainm 'An Gà idheal ra Dhùthaich 's ra Dhaoine'.
Chaochail Bà rd na Leideig anns a' Chèitean, 1897, agus tha e air a thiodhlacadh ann an Cladh Ach na Bà .
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.