Òran air a sgrìobhadh le: Gun Urra agus air a sheinn le: Alasdair MacLeòid agus mà iri mhoireasdan.
This is a song written by: Gun Urra and sung by: Alasdair MacLeòid and mà iri mhoireasdan.
Siud an là mh air an do shìn mi,
LÃ mh choibhneil mo ghaoil,
LÃ mh a' bhuachaill' nach faicear,
'S a bha faisg orm san t-saoghal.
'S iomadh cunnart on d' thà r mi
Le sà bhaladh caol,
O nach saoirte gu brà th mi,
Mur b' i 'n là mh bha leam.
Rinn do là mh, 's gun mi faicinn,
Fuireach faisg orm an gaol;
'S iomadh leòn a rinn nà mhaid,
Chuir na là imh ud ma sgaoil.
O! 'n là mh nach do thrèig mi
Ann an ceumanaibh doirbh,
'S nach do thionndaidh do chùl rium
Nuair a dhiùlt mi do thairgs'.
'S nach do gheà rr thu tur às mi
Nuair a las mi ort m'fhearg;
O là mh na fad-ghiùlan.
Bheir sinn cliù dhut gun cheilg.
Nuair rinn tinneas mo bhualadh,
'S dreach na h-uaigh' orm a' tà mh,
Bha mo chà irdean mun cuairt orm,
Là n truais agus bà idh.
Ach bha 'n là mh ud nach fac iad
Tighinn na b' fhaisg' orm na cà ch,
Tabhairt fionnarachd do m' ghruaidhean,
Agus fuasgladh bhon bhà s.
O!'n là mh a bha riamh leam,
'N tèid thu sìos leam don ghleann,
Nuair tha m'fheasgar a' ciaradh,
Agus sìorraidheachd teann?
'N tèid thu sìos ri mo thaice,
Anns a' ghleac nach bi fann,
Far an dealaich luchd-gaoil rium
O! chan fhaod iad dhol leam?
'S e do neart a bheir buaidh
Air bàs is uaigh do do chloinn;
O! na fà g mi gum faic mi
Solais laist' an taoibh thall!
Siab na deòir bho do shùilean
Cuir an crùn air do cheann
Cuir an trusgan sà r-ghrinn orm
'S cha bhi nà ir' orm dol ann.
Sgeulachd an Ã’°ù²¹¾±²Ô
Ged tha an laoidh seo gun urra, chaidh a clò-bhualadh ann an leabhar Dà in Spioradail le Aonghas Mac Ille Mhoire, deasaichte le Eachann MacDhùghaill. Chaidh a' leabhar fhoillseachadh le Alasdair MacLabhrainn is a Mhic, 268 Srà id Earra-ghaidheal, Glaschu sa bhliadhna 1946.
Tha an ro-rà dh ag rà dh mu Aonghas Mac Ille Mhoire:
"Bu duine e air an robh meas, chan ann a-mhà in am measg nam brà ithrean an sgìre Bharabhais, ach anns a h-uile à ite air feadh Leòdhais anns an robh eòlas air. Bidh na rannan seo againn mar chuimhneachan air an eildear chòir nach maireann, a bhios a-nis, tha sinn a' creidsinn, a' seinn 'Òran Mhaois agus an Uain'.
B' ann à Borgh air taobh siar Leòdhais a bha Aonghas Mac Ille Mhoire, Aonghas Mhurchaidh, agus bha e a' fuireach le bhean agus a theaghlach aig Àireamh 10 sa bhaile. B' e Am Prions a' far-ainm a bha air agus bha e na eildear ann am Borgh agus Barabhas.
Bha Mairi Anna, ogha a' bhà ird a tha an-diugh a' fuireach san Rubha, ag innse gur e a mà thair, Mà iri Aonghais Mhurchaidh, a chur dà in Aonghais air falbh airson an clò-bualadh le Alasdair Mac Labhrainn ann an Glaschu, agus gun do chur i 'Là mh a' Bhuachaille' còmhla riutha chionns gu robh i a' smaoineachadh gun robh an laoidh cho math 's gum bu chòir dhith a bhith ann an clò.
Tha laoidh leis an aon ainm anns an leabhar Seinn an Duan Seo le Ruaraidh Dòmhnallach (Crùisgean, An Fhùirneis, Earra-Ghà idheal, 1990) ach tha na facail a leanas caran eadar-dhealaichte.
Siud an là mh air an seinn mi,
LÃ mh choibhneil mo ghaoil,
LÃ mh a' bhuachaill' nach faicear,
'S a bha faisg orm 's gach baogh 'l.
'S iomadh cunnart on d' thà r mi
Le sà bhaladh caol,
O nach saorte gu brà th mi,
Mur b' i 'n là mh bha rim thaobh.
Bha do là mh, 's gun mi faicinn,
Fuireach faisg orm an gaol;
'S iomadh lìon rinn an nà mhaid,
Chuir an là mh ud ma sgaoil.
Nuair rinn tinneas mo bhualadh,
'S dreach na h-uaigh' orm a' fà s,
Bha mo chà irdean mun cuairt orm,
Là n truais agus bà idh.
Ach bha 'n là mh ud nach faicear
Tighinn na b' fhaisg' orm na cà ch,
Ri toirt fionnarachd do mo ghruaidhean,
Agus fuasgladh on bhà s.
O a là mh a bha riamh leam,
'N tèid thu sìos leam don ghleann,
Nuair tha feasgar a' ciaradh,
Agus sìorraidheachd teann?
'N tèid thu sìos leam rim thaice,
Anns a' ghleac nach bi fann,
Far an dealaich luchd gaoil rium?
O, chan fhaod iad dhol leam.
Fhir a shiubhlas am farsaing,
Falbh air astar leat fhèin,
Iarr an là mh seo gud stiùireadh,
'S is coma dùthaich don tèid.
Rugadh Alasdair MacLeòid ann an Scalpaigh na Hearadh ged a thà inig air an t-eilean fhà gail, an toiseach airson foghlam aig à rd ìre fhaighinn, agus an ...
Fiosrachadh air Alasdair MacLeòid / Learn more about Alasdair MacLeòidCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.