Rugadh Alasdair MacLeòid ann an Scalpaigh na Hearadh ged a thà inig air an t-eilean fhà gail, an toiseach airson foghlam aig à rd ìre fhaighinn, agus an uair sin airson cosnadh. Tha e air fuireach an grunn à iteachean ach airson na naoi bliadhna mu dheireadh tha a dhachaigh air a bhith ann am Baile Dhùn Lèibhe ann a' Lodainn an Iar far a bheil e ag obair mar chomhairliche gnìomhachais.
Thòisich e a' seinn nuair a bha e mu dheich bliadhna a dh'aois. Bha an Dotair a bhiodh a' tighinn do Scalpaigh ga mhisneachadh le bhith tairgsinn dà thastan dha airson òran a ghabhail - suim mhòr airgid do bhalach beag aig an à m. A bharrachd air sin cha bhiodh e a' seinn air à rd-ùrlar ach a-mhà in uair no dhà le còisir na sgoile aig Mòdan Leòdhais.
Thòisich e a' cur a mach na loidhne as an eaglais nuair a bha e mu naoi bliadhna deug agus, bho chionn còrr air deich bliadhna fichead, rinn e teip de Laoidhean Gà idhlig. Chaidh an teip sin dha na bùithtean goirid ron Nollaig agus, anns a' chiad seachdain a bha i ga reic, dh'fhalbh còrr air mìle is dà cheud leth-bhreac, a' dearbhadh an iarrtais a bha ann airson a' leithid agus an fhèill a bha air an t-seinn aig Alasdair.
Tha Alasdair measail air na seann laoidhean Ghà idhlig mar Là mh a' Bhuachaille chionns gu bheil iad gu tric ag innse eachdraidhean pearsanta an ùghdairean a thaobh an creideamh.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.