Òran air a sgrìobhadh le: An t-Urr. Donnchadh MacIllEathain agus air a sheinn le: Alasdair Codona.
This is a song written by: An t-Urr. Donnchadh MacIllEathain and sung by: Alasdair Codona.
Thriall an geamhradh, thriall an t-earrach,
Thriall gach gruamaich, fuachd is gailleann;
Speuran dorcha, gaothaibh fuaimneach,
Glìb is sneachda, thriall mu thuath iad.
Tha gach sliabh bha lom is seacta,
Tha gach gleann bha geal le sneachda;
'M fireach à rd, an srath 's na cuantan
Ri gà irdeachas on thriall am fuachda.
Cluinnear canntaireachd 's gach coille
Tha deise bhainnse air gach doire;
Eòin ri sùgradh, sprèidh ri mire,
Bric a' leum 's gach poll is linne.
Cluinnear anns a' choill' an smùdan,
'N coileach-dubh air gèig a' dùrdail,
An dreathan-donn le òran siùbhlach,
Is fagas dhith an druid 's am brù-dhearg.
Os ar cionn gu h-Ã rd san iarmailt,
Le port sunndach, suilbhir, èasgaidh,
Cluinnear ged nach fhaic an riabhag,
'S cà it' an cluinnear ceòl cho ciatach?
'S cluinnear ann am frìth an fhà saich
'N damh-donn a' langanaich gu h-Ã rda
'N eilid ghlan, a leannan grà dhach.
'S an laoidhean beag a' mire là mh ri.
'S chithear clann ri taobh gach alltain
Deasach' cuirm air Latha Bealltainn;
Ach chan ìobair iad do Bhelus
Ge d' thug an sinnsear aon uair gèill dha.
Tha deagh ghean air gach ainmhidh 's creutair
Bhos air thalamh, shuas 's na speuran;
Tha beatha teachd o shlios na grèine
A' toirt misneach dhaibh is spèirid.
Faic na raointean, faic na cluaintean,
A' bòcadh mach le feur is luachair!
Braonain 's clanna bheag gan cnuasachd,
'S a' sireadh nead an còs nam bruachag.
Feuch trom dhealt air bà rr gach feòirnein!
'N talamh breacaichte le neòinein!
An facas riamh thug bà rr am bòidhchead
Air a' bhrat gach à it' a chòmhdaich.
Nach eutrom iollagach, 's nach uallach
Ceum na h-ainnir dol don bhuaile!
Dol a bhleoghainn a' chruidh ghuailinn
'S an t-à l òg na còir gu guanach.
'S nach sunndach, sgairteil ceum a' bhuachaill'
A' dìreadh nam mà m 's nam fuarbheann!
Le choin dhìleas, ullamh, fhuasgailt'
On a thriall an sneachd 's am fuachda.
Ceud fà ilte ort, a Bhealltainn aobhach!
Bhealltainn shnodhach, bhliochdach, ghaolach,
Mhineineach, uanach, laoghach,
A' mireag air gach là imh is taobh dhinn.
Ach cha mhair thu ach rè sealainn,
'S cha mhair an t-earrach ach car tamaill;
'Ur grian 's ur blà th chan fhad a mhaireas,
Thig dubhar orra, ceò is smalan.
Thig à m nach cluinnear ceòl 's a' choillidh,
An searg an trusgan air gach doire;
Tha 'n geamhradh teachd 's cha dèan e moille
Le ghnùis stoirmeil, ghruamaich, dhoilleir.
Cliù gu robh do Dhia na tròcair
D'a phoball taghta samhradh dh'òrdaich,
Grian a dheà lraicheas an-còmhnaidh
Air nach laigh smal an rìoghachd na glòire.
Tìr an à igh, a' ghrà idh, 's a chaoimhneis,
Tìr tha ghnà th gu soilleir, soillseach;
Tìr nam beannachd, tìr an aoibhneis
Gun fheum air solas grèin no coinnle.
Tìr nam fonn nach caill am mìlseachd
Tìr nan òran do gach sgìthich;
Tìr a' chiùil nach sguir gu dìlinn
Tìr nan aingeal is nam fìrean.
Tìr nan crann nach caill an à ileachd,
Gorm is ùrar bhios gu brà th iad;
Croinn le 'n duilleach a bheir slà inte
Tìr nan aibhnichean nach fà ilnich.
Tìr an t-samhraidh chaoidh a mhaireas,
Tìr gun fhuair-dhealt, gun chlach-mheallain;
Tìr gun osna, deur no smalan,
Gun fhuachd geamhraidh no tart earraich.
Tìr san ìobair cliù gu sìorraidh,
Do Thrì Pearsaidhean na Diadhachd,
An Tì a chuir, an Tì a riaraich
Na bha lagh is còir ag iarraidh.
Nach sona iadsan a gheibh coir oirr'!
Feitheamh orr' tha uallach glòire;
Tobraichean tha là n do shòlas
Mar ri Dia gu sìor an còmhnaidh.

Rugadh agus thogadh Alasdair Codona ann an Glaschu. B' e athair a thog ùidh anns a' Ghà idhlig bho thùs agus dh'ionnsaich e Gà idhlig anns an ...
Fiosrachadh air Alasdair Codona / Learn more about Alasdair CodonaCopyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.