B' e sin an t-Urramach Donnchadh MacIllEathain a bha na mhinisteir san Eaglais Shaor an Gleann Urchaidh agus a dh'fhoillsich an leabhar Laoidhean agus Dà in (G. Mac na Ceà rdaich, Glaschu, 1868) as a bheil Laoidhean eadar-theangaichte on Bheurla, agus Marbhrainn agus Dà in.
Air Âé¶¹Éç Radio ann Gà idheal, air 25/02/2003, ann am prògram mu laoidhean nan naoidheamh linn deug, mhìnich an t-Ollamh Dòmhnall Meek an suidheachadh a bha air Ghà idhealtachd ri linn MhicIllEathain, "linn an atharrachaidh agus a' chaochlaidh". Thuirt e:
"Bha na Gà idheil thall 's a-bhos air an cur gu dùbhlan le cor na tìre agus le iarrtas bà illidh is uachdarain. Thà inig gaiseadh a' bhuntà ta anns a' bhliadhna ochd ceud deug dà fhichead 's a sia, agus chunnaic iomadh ministeir dìleas a threud a' tanachadh fa chomhair a shùilean am feadh 's a bha long nan trì chrann à rda anns a' bhà gh 's i a' sgaoileadh a h-aodaich airson seòladh do thìr cèin.
Thà inig a' bhochdainn mhòr seo trì bliadhna an dèidh dealachadh nan eaglais agus is cinnteach gun tug sin fhèin smuaint air cuid.
Agus am meadhan gach riasladh bha ministearan-siubhail a' falbh air feadh na dùthcha eadar Hiort agus Peairt a' dùsgadh an t-sluaigh gu eud spioradail. Is cinnteach gur e am fear a b' ainmeile dhiubh sin an t-Urramach Eòin Dòmhnallach, Ministeir Mòr na Tòiseachd, mar a theirte ris, a bheireadh na deòir as na clachan leis cho drùidhteach 's a bha a chuid searmonachaidh.
Fo bhuaidh searmonachaidh den t-seòrsa sin bu tric a thigeadh dùsgadh a bhiodh a' lìonadh na h-eaglais, ach, an ceann beagan bhliadhnaichean, bhiodh an coitheanal air sgapadh agus bhiodh an eaglais an impis a dorsan a dhùnadh. Agus an uair sin thigeadh dùsgadh eile, is dòchas ùr, is briseadh-dùil na chois. Dùsgadh is sgapadh, sgapadh is dùsgadh. Bu chumanta an sgeul e.
Cha robh cùrsa na diadhachd dad na bu shocraiche a rèir choltais. Mus do chrìochnaich an linn bha an Eaglais Shaor i fhèin air sgaradh."
Seo an suidheachadh as an robh an t-Urramach Donnchadh MacIlleathain a' sgrìobhadh agus e tric a' dèanamh dealbh air nèamh, à ite anns an robh an seasmhachd is an leantainneachd nach robh ri fhaighinn anns an t-saoghal san robh e beò.
Copyright © 2015 Âé¶¹Éç. Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air là raich-lìn eile.
Gheibhear sealladh nas fheà rr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na là raich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.